Cuach MhicIllAnndrais – Cuach MhicGille-Anndrais

(I)
Siud mar a ghabh mi an t-suaineach
À cuach Mhic Ill-Anndrais;
’S iomadh neach a chual’ e,
Gun d’fhuaireadh aig mo cheann i;
A liuthad briuthas uaigneach
San d’fhuair mi deoch ’s dram ann
’S chan fhaca mi nas buaidhiche
Na cuach Mhic Ill-Anndrais.

(II)
Oidhche dhomh air aisrean
’S air allaban sa mhònitich;
Chunnacas fear mi ’s eallach air,
’S e teannachadh a ròpa;
Choisich mi gu farasda,
’S bu mhath leam bhith na chòmhdail,
’S cuideam air a chùlaibh,
’S e giùlan Mhic an Tòisich.

(III)
“Thachair leinn gun do shuidheas sinn,
’S gum faighinn bun do sheanchais;
’S mi a bheir gealladh dhut
Nach bi aithreachas ’s an fhalbh thu;
Buailidh sin a’ chuisleanan
Gu furtach thoirt dha h-ainmein
Is gheibh thu làn na slige dheth
’S cha mhisd’ thu e san anmoch.”

(IV)
’S ma tha thu ag iarraidh eòlais orm,
’S gum bheil thu feòraich m’ ainme,
Gheibh thu fios mo shloinnidh
Le bhith ùine bheag am sheanchas;
Mac na poite duibhe
Bhiodh na suidhe bun a’ ghealbhain,
’S e ’n t-eòrna buidhe b’ athair dhomh,
’S i ’n atharnach mo sheanmhair.

(V)
’S chan fhuiling iad an-dràsda mi,
Le àilgheas agus anbharr
A’ lìonadh leis an stàtalachd;
Tha aileadh-sa ro shearbh dhomh.
Cha leig iad ball nan làthair dhomh
Bhon tha mi fàs an Albainn;
Ach miann orra fìon ’s brannaidh,
Tha tighinn a-nall thar fairge.

(VI)
’S tha gnothach sin ro chruaidh leinn
Ma thugar iad do chòmhradh,
Gun deach a’ chùis bho eireachdas
Ma cheilear air an stòp thu.
Ga frasadh ann an seileirean
Gun choire tha e neònach,
’S gur h-iomadh neach a theireadh
Nach bu fhreagair thu na sheòmbar.

(VII)
Nuair shuidh sinn aig a’ bhuideal,
Cha robh guth air luchd-na-bainnseadh,
Ged bhiodh iad an oidhche sin,
Gun chaoimhneas no gun dannsa.
A Rìgh, gum b’ olc an t-sìde dhomh,
An tìmeannan a’ gheamhraidh;
’S nuair theann sinn ri gluasad,
Bu luath leam bha an t-àm ann.

(VIII)
Nuair a theann sinn ri carachadh,
Bu ghann gun dèanainn gluasad;
Bha mo cheann is eallach air
Le paireilis an t-suanaich;
Cha dèanainn car ach faipreigin,
Le m’ ìnnean air na bruachan;
Nuair a thuit mi na mo chadal,
Theab gu lathte leis an fhuachd mi.

(IX)
Bha m’ aodach air a shràcadh,
Agus m’ aodann air a sgròbadh,
Mo ghlùinean làn de ghearraidhean
Le carachd Mhic an Tòisich;
Cha dèanainn car ach slaparachan
’S mo chaiseart ann am dhòrnaibh
’S bu ghann a dheànainn aithneachadh,
Air aineolaich no n ’t-eòlach.

(X)
Ach ’s mise ghabh an t-eagal,
’S cha bu lugha a ghabh a’ chùram,
An dreathann donn a’ feadarsaich
’S gun dùil a’m gun robh triùir ann
Leis a’ mheud ’s a ghabh mi a dh’eagal
’S ann a thuit mi ann gaol air
’S cha bhuineadh e mar ailis
Ged a ghabh mi an daorach.

Le Raghnall mac Iain Mhic Eòghain Dòmhnullach.

(Rugadh ’s togadh Raghnall mac Iain Mhic Eòghain san Minginis air Eilean Sgitheannach. ‘S an òran seo mu’n fear amhàin nuair a chaidh e gu bainis na h-àite, ‘gus fhuair e smùid an-mhor annsin a thall. ‘S an sgeul seo mu’n an latha ’s oidhche aige ’nn a thall.)