Luinneag:
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nam firichean;
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach
Chumail an t-sionnaich bhon mheanbh-sprèidh.

(I)
’S ann a bha mo bhalachan tapaidh a dh’earbainn,
Cuimis an t-sealgair cairbh is curanta
Sheas mo bhalachan mar a ta m’ earbsa
Sionnach is cuileanan a mharbhadh.
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nam firichean;
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach
Chumail an t-sionnaich bhon mheanbh-sprèidh.
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nam firichean;
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach
Chumail an t-sionnaich bhon mheanbh-sprèidh.
(II)
Bheir mi don bhalachan gunna ga dhearbhadh,
Peilearan gorm gun spàradh sa chuilbhear;
’S math an tig an t-anmoch, tillidh mo bhalachan
Dhachaigh le sionnach a’ gharbhlaich.
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nam firichean;
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach
Chumail an t-sionnaich bhon mheanbh-sprèidh.
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach,
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nam firichean;
Chuirinn mo bhalachan, shiubhal nan garbhlach
Chumail an t-sionnaich bhon mheanbh-sprèidh.
Le Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978)
(‘S òran tàladh annseo, ‘gus chuir bhearsan ùr ag annseo leis Tormod Dòmhnallach mar bh’ iarraidh aige do chur dhà bhearsa ùr a thall.)