Till an Crodh, Gheibh Thu ’n Crodh

(I)
Till an crodh, gheibh thu ’n crodh,
Gheibh thu bhean bheadarra,
Till an crodh, gheibh thu ’n crodh,
Gheibh thu bhean bhòidheach.

(II)
Till an crodh, a laochain
Gheibh thu bhean ghaolach,
Till an crodh, a laochain
Gheibh thu bhean bhòideach.

(III)
Till an crodh, gheibh thu ’n crodh,
Gheibh thu bhean thogarrach,
Till an crodh, gheibh thu ’n crodh,
Gheibh thu bhean bhòidheach.

(IV)
Till an crodh, a laochain
Gheibh thu bhean ghaolach,
Till an crodh, a laochain
Gheibh thu bhean bhòideach.

Bha na h-uiread de dh’òrain thàlaidh na de phuirt thàlaidh aig na seann-daoine a b’ fhiach a chumail air chuimhne. Chan e gun robh mòran annta de cheatharannan dòcha nach biodh anns an fhear am b’ fheàrr air fad dhiubh anns an fhear bu mhilse agus bu bhinne ach aon cheathramh fhèin. ’S dòcha ann am fear eile nach biodh ann ach am fonn. Ach an dèidh sin gu lèir, bha caoin orra a bha anabarrach brèagha agus ciatach. Tha fear dhiubh sin a’ tighinn go mo chuimhn’ an-dràsda: ‘Till an Crodh, Gheibh Thu ’n Crodh’.

Le Tormod Dòmhnallach (1904 gu 1978)

(Chuir Tormod Dòmhnallach an t-òran seo ri chéile nuair a dh’ fhoghluim e ’s daoine na h-àite san Trondarnais air Eilean Sgitheannach. ‘S òran seo airson nam bò.)