Bha Clann ’icCruimein, fhios agad, bha iad cho ainmeil co-dhiù ’s bha an t-ainm aca air feadh an t-saoghail is pìobaireachd. Agus chan eil fhios agamsa dè ’n t-ainm air an fheadhainn mhòr a thàinig ga feuchainn. Ach thuig Clann ’icCruimein glè mhath an gnothach agus bha gille aig fear de na Clann ’icCruimein agus bha e leth-oireach. Agus bha pìob bheag aige fhèin, leth dha fhèin, bha e aige air an tobht’, eil fhios agad, chan fhaigheadh esan an lùib, tha e a’ seinn. Agus nuair a thàinig an duine mòr a bha seo, ’s ann a chuir Clann ’icCruimein a dh’iarraidh uisge-bheatha. Thug e iad dha dhan gille buideal airson a dhol a dh’iarraidh uisge-bheatha. Chuir e air a mhuin seo. Agus bha e a’ dol seachad air sìthichean agus chuala e pìobaireachd bhrèagha, bhrèagha. Agus bha ’m bodach a-muigh. Agus thuirt e ris, “tha,” ors’ esan, “duine mòr,” ors’ esan, “dol a dh’fheuchainn t’ athair an-diugh,” ors’ esan.
“Ach cha bhi buaidh idir aca ma ghabhas tusa mo chomhairle,” ors’ esan. Agus, “thèid thusa a-null far a bheil mise,” ors’ esan, “agus cuir do mheur,” ors’ esan, “air bonn mo mheuran,” ors’ esan, “agus cuir do theanga na mo bheul. Agus thèid thu dhachaigh,” ors’ esan, “bidh buaidh na pìobaireachd agad.”
Bhell, dh’fhalbh an gille ’s cha e robh fad air falbh agus thug e leis dhachaigh buideal uisge-bheatha. Agus air a thàinig e, chaidh cuach mun cuairt dheth air na strainnsearan agus ’s ann a thòisich iad an uair sin air fhoighneachd cò a sheinneadh an toiseach.
“Ò, bhell,” chanadh Clann ’icCruimein, “seinn na strainnsearan an toiseach,” ors’ esan, “’s e gun tàinig an seo airson seinn.”
“Ud,” ors’ an gille leth-oireach a bha seo, “seinnidh mi fhìn dhut.”
“Ò, preasan gun dòigh,” thuirt à-san, “feuch,” ors’ esan, “nach cuir thu sgràthan air duine,” ors’ esan.
Bha iad buailteach airson na pìoba.
Ghabh e sìos chun an tobht’ ’s thug e a-mach a’ phìob agus sheinn e.
Agus cha d’rinn an fheadhainn a thàinig ga iarraidh ach teicheadh air falbh.
“Bhell,” thuirt Pàdairean, “mas e siud am fear as miosa dhiubh aig an fhortan a tha bràth dè cho math a tha càch, bidh sinn air falbh.”
Le Pàdruig mac Alasdair no Pàdruig Beag MacCormaig (1892 gu 1970)
(Tha ’n sgeul seo mu Clann ‘icCruimein agus fhuair am buaidh pìobaireachd aca fhèin mar thug na Sìthean am buaidh thugu bliadhnichean fada o shoin. Agus tha sin an sgeul mar ’s pìobairean dochreidsinn iad fhèin gun teagamh.)