Àirigh an t-Sluic

Bha siud ann ma-thà Àirigh an t-Sluic agus bha…bha fear ann…ann…dè ’n t-ainm a th’ air, an t-àite ann a shin? Loch Sgiobard…bha e ann an Loch Sgiobard fear aig an robh bàta agus bha e airson air faighinn air falbh mun tigeadh an latha. Dh’fhan e air…dh’fhan e air a’ chost’ e fhèin agus an criù gu lèir…uile-gu-lèir…ach uaireigin suas ma dhà uair sa mhadainn na trì uairean sa mhadainn, thug e an aire do dhroch mòr air an iarmailt do dhomhladas agus cha do chòrd e ris idir. Bhell, bha e a’ coimhead air a’ mheall mhòr uamhasach a bh’ air an iarmailt. Ach, co-dhiù, thuirt e ris fhèin, “chan fhalbh mi gus an tigeadh am meall a tha seo seachad.”

Dh’fhan e agus bha ’m meall a’ tighinn gu dlùth agus gu dumhail air an àite as an robh e fuireach. Bha e a’ coimhead air agus tha e…tha e air watch shuas. Thug e seo an aire gun robh ’m meall tighinn dlùth air agus gun robh e glè dhlùth dhan chladach. Thug e an aire do bhothan beag air tìr agus gun robh meall a’ tighinn dlùth air a’ bhothan a bh’ ann a sheo. Bha e a’ coimhead agus bha meall a’ tighinn a-nuas air a’ bhothan agus chuala e as an àm bha ann a shin, coileach a’ gairm. Bha ’m meall a’ dol don mun cuairt as an àite sin. Agus an coileach a’ sìor ghairm. Bha ’n coileach a’ gairm gus an robh e trì uairean sa mhadainn. Bha e an gairm a’ choileach aig trì uairean, sgaoil am meall air falbh na mheall teine.

“Bhell,” orsa an sgiobar, ors’ esan, “tha mi a’ faicinn,” ors’ esan, “nach eil còir againn a’ falbh a-nochd,” ors’ esan, “ge brith dè ’n t-sìde a bhios ann a-màireach,” ors’ esan, “fanaidh sinn,” ors’ esan, “gus am faic sinn an reusan gu dè a dh’èireadh,” ors’ esan, “mar a bhios e air tìr,” ors’ esan, “thug mi an aire dha nochd fhèin,” ors’ esan, “an gnothach a bh’ air tìr,” ors’ esan, “cha mhath leam falbh,” ors’ esan, “gus am faigh mi a-mach,” ors’ esan, “gu diamar,” ors’ esan, “a tha gnothach air tìr.”

Dh’fhan iad fad na h-oidhcheadh an oidhche sin agus sa mhadainn an làrna mhàireach, dh’èirich iad às a’ bhàta.

“Bhell,” ors’ esan, “thèid sinn air tìr an-diugh,” ors’ esan, “agus chì sinn,” ors’ esan, “gu dè,” ors’ esan, “an gnothach,” ors’ esan, “mu dheidhnn a’ bhothain bhig bhochd,” ors’ esan, “air tìr,” ors’ esan, “an a shin,” ors’ esan, “agus gheibh sinn a-mach ceart,” ors’ esan, “mu dheidhinn.”

Dh’fhan iad an oidhche sin agus an làrna-mhàireach suas ma aon uair deug no deich uairean, chaidh iad air tìr le bàta agus ràinig iad an àirigh a bh’ ann a sheo. Cha robh meall mòr trom a’ dol mun cuairt air an àirigh fad na h-oidhcheadh. Agus ràinig iad an dorast agus ghnog iad an dorast. Thàinig boireannach bochd mach a dh’fhosgladh an doraist.

“A bheil,” ors’ an sgiobair, “dad ceàrr,” ors’ ean, “a-staigh as an…as an àite seo?” ors’ esan.

“Ach tha gu leòr ceàrr ann,” ors’ a bhean, ors’ esan, “tha ’n duine agam,” ors’ esan, “dh’eug i…dh’eug e air a leithid seo a dh’uair a-raoir,” ors’ esan.

“Ò, seadh,” ors’ esan, “bha mi a’ smaointinn,” ors’ esan, “gun robh rudeigin ceàrr,” ors’ esan, “as an àit’…as an àite bhochd a bha seo,” ors’ esan, “a-raoir,” ors’ esan, “a thaobh,” ors’ esan, “chunna mi sealladh,” ors’ esan, “agus cha do chòrd e rium,” ors’ esan. “Chunna mi meall trom,” ors’ esan, “de mheall trom,” ors’ esan, “mar gum b’ eadh,” ors’ esan, “teine,” ors’ esan, “ach cha robh teine idir ann,” ors’ ean, “ach mun do dh’falbh e,” ors’ esan, “dha mòran teine ann,” ors’ esan.

“Bhell,” ors’ ise, “sin an t-àm,” ors’ ise, “gun do bhàsaich mo…mo chompanach,” ors’ ise.

“An e gu dearbh?” ors’ esan. “An e,” ors’ esan, “duine a bh’ ann,” ors’ esan, “a bha,” ors’ esan, “caractar math aige?” ors’ esan.
“Cha robh e fìor mhath idir,” ors’ ise, “agus cha robh e math dha-rìreabh,” ors’ ise.

“Ò, bhell,” ors’ esan, “mura biodh,” ors’ esan, “mar a bha,” ors’ ean, “chan eil fhios a’m,” ors’ esan, “gu diamar a dh’èireadh dhut,” ors’ esan, “ach b’ fhìor thoigh leam,” ors’ esan, “gun toireadh…creiceadh tu rium,” ors’ esan, “an coileach a th’ agad,” ors’ esan.

“An coileach,” ors’ ise, “cha chreic mi an coileach riut,” ors’ esan, “fhad ’s as urrainn domh a leithid seo a chumail,” ors’ ise.

“Bhell,” ors’ esan, “tha nòisean agam dhan choileach,” ors’ esan, “a thaobh,” ors’ esan, “tha mi a’ smaointinn,” ors’ esan, “gur h-e a shàbhail,” ors’ esan, “sa bheatha,” ors’ esan, “a-raoir,” ors’ esan.
“Cha chreic mi idir riut an coileach,” ors’ esan [sic]…ors’ ise.

“Bhell,” ors’ esan, “an rud a nì mi riut,” ors’ esan, “seo an rud a nì mi riut,” ors’ esan, “tha làn a thig còmhla rium chun a’ bhàta,” ors’ esan, “bheir thu leat an coileach,” ors’ esan,” agus na cearcan,” ors’ esan, “agus a tha agad,” ors’ esan, “an àirigh,” ors’ esan, “agus an duine do chompanach leat agus,” ors’ esan, “agus an reusan ma bhios,” ors’ esan, “rudan…gnothaichean gu math,” ors’ esan, “chì thu fhèin e.”

“Bhell,” ors’ ise, “cha bhi mi deònach,” ors’ ise, “an t-àite fhàgail idir,” ors’ ise.

“Bhell,” ors’ esan, “gabhaibh thusa mo chomhairle,” ors’ esan, “agus,” ors’ esan, “nì mise, fàg mise thu,” ors’ esan, “cho math,” ors’ esan, “agus a ghabhas a bhith.”

Bhell, dhèonaich a’ chailleach gum falbhadh i leis an sgiobair a’ bhàta. Dh’fhalbh i leis sgiobair a’ bhàta dhan t-soitheach agus fhuair i gabhail aige gu math ann a shin. Thug e leatha na cearcan agus an coileach agus chaidh iad gu tìr dhan bhàta beul na h-oidhcheadh. Bha…fhuair i – a’ chailleach – gabhail aige glè, glè mhath.

“Thig thu fhèin a-nist,” thuirt esan, “air bòrd còmhla riumsa,” thuirt esan, “agus chì thu,” ors’ esan, “diamar a dh’èireach dha d’ chompanach.”

Thàinig an cearc mheall as an àird an iar ’s bha e sìor thighinn ’s sìor thighinn. Nuair a thàinig e os cionn Àirgh an t-Sluic thug e leis an àirigh na mheall teine suas dha na h-iarmailtean. Tha ’n toll sin as an àite sin chun an latha an-diugh agus sin agaibh mar a dh’èirich, a chuala mise, agus mar a dh’èirich dha Àirigh an t-Sluic.

Le Aonghas Caluim Barrach MacMhaoilein (1874 gu 1954)

(Seo sgeul bocan agus thàinig daoine sin as Aonghas Caluim Barrach.)