Cogadh Afraga

(I)
Ochoin hi ri gur e mi tha muladach,
Nach robh mi thall anns a’ ghleann sna rugadh mi,
Ged ‘s creagach cruaidh e cha d’ fhuaireas urram dha,
Tìr an fhraoich tha na laoich a’ fuireach ann.

(II)
Dimàirt a dh’fhàg iad, bu chràiteach duilich mi,
A’ caoidh mo bhràthair ‘s gach àrmann urramach,
A sheòl thar sàil chun an nàmhaid fhuileachdaich,
‘S a dhol thoirt sìth dhan an tìr mas urrainn dhaibh.

(III)
Gur mis’ tha diombach mun chùis a thachair dhut,
Gun dh’fhalbh thu null le gunn’ ùr gu batailean,
‘S ma gheibh thu bàs cha bhi bràthair agamsa,
‘S gur lìonmhor àrmann tha cnàmh an Afraga.

(IV)
Là na Sàbaid chiad mhèarrs thug sinn orra,
A’ dol a forum le òrdan seanaileir,
Bha ‘n fhuil ‘s i blàth anns na Gaidheil mhisneachail,
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.

(V)
Thusa Chrùidsear ‘s tu dhùisg an cogadh seo,
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu;
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonapart,
‘S an Saoint Helena gun teatha gun chofaidh ann.

(VI)
Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Cidchener,
Le iomadh coirneileir eòlach misneachail,
Gum bidh na nàimhdean gu teann gan crioslachadh,
‘S a’ ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist’ orra.

(VII)
Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga,
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann ‘s math-ghamhainn,
Chan fhac a’ Bhoer na leòn na fhearann e,
Gu fac’ e ‘n Gaidheal le fhèileadh tartain ann.

Le Alasdair Iain ‘ic Alasdair MacFhearghuis (1869 gu 1947)

(Rugadh Alasdair Iain ‘ic Alasdair MacFhearghuis ann an Sruparsaig as na Hearadh air 14 Màrt, 1869. Bha Bàrd Chliubhar an t-ainm eile a robh air. Fhuair e – am Bàrd Chliubhair – air bàta iasgaire ‘gus chaidh e eadar Hearadh agus Tairbeart gach turas fharraige. Dh’ fhàg e ‘mach as an obair sin nuair a bha òige aige, ‘gus chaidh e chun cogadh nuadh ann san Afraga ‘gus bha e sin an aghaidh na Boerich annsin eadar 1899 gu 1902 no 1903. Cha robh fuath no fuathanas aige thun nan Boerich, ach chaidh e chun an cogadh mar bh’ òige gun fíor eòlais aige ‘nnsin. Dh’ fhoghluim e ‘n fíor sgeul an cogadh nuair a bha e ‘nn san Afraga airson àm geàrr, agus bha e leis na Boerich as dheidh sin mar sin. Chaochaill e san mhìos Samhuinn sa bhliadhna 1947.)