Seinn an Duan Seo

(I)
Seinn an duan seo, hug ìri o ro
Do mo chailinn dualaich, hug o ro i,
As deirge gruaidhean ’s as duinne cuailein,
’S gur lìonmhor bòidhche a th’ air luaich mo chrìdh’.

(II)
’S ann Dimàirt bho cheadha Loch Àlainn
A dh’fhalbh mo ghràdh-sa le bàt’ na smùid;
Bu luaithe ceumaibh gu tìr na Beurla,
’S tha mi fo èislean air bheagan sunnd.

(III)
’S ann le bàta na roithean làidir,
’S nan cuibhlean pràis ’s iad a-ghnàth cur strì;
Fear ga stiùireadh gu làidir, lùthmhor,
E dèanadh iùil dheth gu Diùraidh sìos.

(IV)
’S iomadh pecuag a chì bhonn Glaschu
An èideadh maiseach, fàsan ùr,
Bidh thusa, eudail, mar reul na madainn
Cur sgathan an fhasain le dreach do ghnùil.

(V)
’S tric a bha mi fo sgàil nan craobh leat,
Is lagan fraoich air gach taobh dhinn fhèin;
Bu leam do chòmhradh ’s le deòin do phògan,
’S tha mi fo leòn latha bho dh’fhàg thu ’n tìr.

(VI)
Bha do shùilean mar na smeuran,
Mar ròs an gàrradh do dhà ghruaidh,
Mar choinntin cèire, ’s iad laist’ le chèile,
’S gum faighinn m’ eudail am measg an t-sluaigh.

(VII)
Cha robh tè eile fon ghrèin nam bheachdsa
Cho coibhneil maiseach ri bean mo ghaoil;
Dà shùil mhiogaichear, rinn mo lìonta,
Bho m’ aois ’s m’ inntinn bho linntean caoin.

(VIII)
Bha do chòmhradh gu blasda, binn leam,
Bu mhilse do phògan na mil an fhraoich,
D’ anail chùbhraidh mar bhlas na h-ubhlan
Tighinn rèidh, gun tùchan, od mhuineal caoin.

(IX)
’S truagh nach robh mi thall ann an Èirinn
M’ aitreabh fhèin taobh thall a’ chuain –
Dh’aithnichinn m’ eudail am measg nan ceudan,
Is mar Bhènus i ag èirigh suas.

Le Iain Mac Lachuinn

(‘S òran ghaoil annseo, ’gas rugadh ’s togadh Iain Mac Lachuinn san Mhorbhairne, ’gas sgrìobh e ’n òran seo ri chéile airson am bean a’ thug e do chroidhe thuigi.)