Caluim Iain: Niste, bha sibh ag ràdh nuair a bha Fear Bhaghasdail an Uibhist agus thòisch e…thòisich e gu..tha…bha e ag iarraidh na daoine an creideamh atharrachadh agus gun a bhith a’ dol dhan Ealgais Chaitligeach tuilleadh. An e sin a bh’ ann?
Mórag MhicGilleMhoire: ’S e.
Caluim Iain: Agus bha na daoine sin bha iad a’ cruinneachadh an taigh ann an Gearraidh Sheilidh.
Mórag MhicGilleMhoire: Bha.
Caluim Iain: Agus dhan taigh a bha seo, biodh an sagart ann a dhèanamh an Aifrionn gun fhiosta do dhaoine.
Mórag MhicGilleMhoire: Bhiodh, a’ tighinn aig amannan bhiodh sagart a’ tighinn à Èirinn a-nall le bàta beag agus bhiodh e a’ dèanamh Aifrionn gun fhiosta ann an àiteigin air cùl na Beinneadh, uaireannan ann an Loch Aoineart no ann an taigh air choreigin as a’ bhaile ach ’s ann gun fhiosta bhiodh e a’ tighinn. Agus bha ciste as an t-seann taigh-dhubh a bha seo agus ’s ann anns a’ chiste bhiodhte gleidheadh gnothaichean na h-iobairt, the bells, an leabhar agus an culaidh.
Caluim Iain: Seadh…seadh dìreach.
Mórag Mhic GilleMhoire: Agus ’s ann as an taigh a bha seo a chruinnich na…an tuath airson an inntinn a dhèanamh suas dè bha iad a’ dol a dhèanamh mar a bha Fear Bhaghasdail a’ dol a chumail bhuithe am biadh a bha iad a’ faighinn mar thurasdal. ’S ann le gràin ’s le sìol ’s le buntàta ’s le min bhiodhte ga phàigheadh. Agus rinn mòran dha na daoine suas an inntinn gum b’ fheàrr dhaibh cùl a chur ris an ealgais mus stàirbheadh iad.
Caluim Iain: Seadh.
Mórag MhicGilleMhoire: Agus aon oidhche a bha seo, co-dhiù bhruidhinn aon duine òg a bh’ ann agus teaghlach òg lag aige agus thuirt e, “’S fheàrr leam fhìn…’s fheàrr leam mi fhìn agus mo theaglach stàirbheadh na bhith a’ dèanamh suas mo chreideamh.” Agus cha robh ach air na faclan a chantail nuair a ring am bell a bha as a’ chistidh. Agus thuirt a h-uile duine am beul a chèile gur h-e comharradh a bha seo nach gèilleadh iad idir. Agus cha d’rinn iad sin.
(‘S agallamh seo eadar Mórag Mhic GilleMhoire ‘gus Caluim Iain Mac Gilleathain air 9mh Dàmhair 1958. Tha sin mu Creideamh Caitligeach air Uibhist a’ Deas, agus nuair a thàinig na sagartan a-mach as Éireann thun Uibhist a’ Deas airson Aifrionn Naomhtha. Agus bha rudan an-dheacaidh an aghaidh na Fíor Gàidheil ann Uibhist ri linn an aimsear sin.)