A’ Goid nan Corp

Caluim Iain: Niste, bha sibh ag ràdh gum biodh iad a’ fàire na claidh…a’ chlaidh, a bheil fhios a’d, a chionn fhada air eagal gun togte na cuirp às. Chuala sibh iomradh air an sin?

Uilliam MacGilleDheòradha: Chualaidh mi iomradh air an sin agus bha…bha e air a cur air a dh’ionnsaigh na sgìreachd seo fhèi’ gun robh iad a’ togail nan corp gun cuir iad air falbh do Ghlaschu leis an…faodaidh ris an abrar sinne an stoth-bhàta bheag.

Caluim Iain: Seadh.

Uilliam MacGilleDheòradha: Tha sin gu dè an rathad….an e….chan eil fhios a’m an e Mhic a’ Bhriuthainn no mar sin anns na amannan a bha sin. Ach bha e a’ bhan an stoth-bhàta ‘n seo bha e a’ tadhal uair san t-seachdain ann an Èisdeal, uair san t-seachdain. Bha e a’ gabhail a’ chanàil.

Caluim Iain: Seadh dìreach.

Uilliam MacGilleDheòradha: Crìonan…dol a-null air a’ chanàil a’ Chrìonain. Agus bha iad ag ràdh gun robh pàirt de na cuirp sin…gan cur air falbh.

Caluim Iain: Seadh dìreach.

Uilliam MacGilleDheòradha: Ach bha na…tha fhios a’m gum bheil thall ann an seo, ann an Cladh Chill Bhrianainn, làrach-taigh far an robh iad gam fàireadh.

Caluim: Seadh dìreach.

Uilliam MacGilleDheòradha: Bha iad ag obair latha, bha iad ag obair an oidhche.

Caluim Iain: Seadh dìreach.

Uilliam MacGilleDheòradha: Ach bha na dol a’ cumail gu leòr airson Òban agus às a’ Ghàidhealtachd aig an àm a bha sin.
Caluim Iain: Bha, bha, bha.

Uilliam MacGilleDheòradha: Bha, a chionn…

Caluim Iain: …aig an àm a bha sin.

Uilliam MacGilleDheòradha: Bha dotairean a’ toirt airgead math, tha fhios a’m.

Caluim Iain: Bha, bha, dìreach.

(Seo agallamh eadar Uilliam MacGilleDheòradha ‘gus Caluim Iain Mac Gilleathain air an 7mh Lùnastal 1958. Rugadh ‘s togadh Uilliam air nan Eileanan Sglèata ‘mach as tráigh Òbain san Latharna. Ach bha Gàilig nan Eileanan Sglèata ‘gus bha Gàilig Latharna aige fhé. ‘S sgeul seo mu’n droch-duine ‘goid nan coirp trasan an cheanntar leotha.)