(I)
Gur h-e mise ’tha pràmhail
’S fhuair mi fàth air ’bhi dubhach.
Tha mi feitheamh an àite
Far ’m bu ghnàs dhuit ’bhi d’ shuidhe,
’S gun do ghunn’ an air ealachainn
’Chuireadh earba bho shiubhal.—
Mo chreach dhuilich gu ’n d’ dh’ eug thu,
Nàmhaid féidh anns a’ bhruthach.
(II)
’N uair a bha mi ’g ad chàradh
Ged bu shàr-mhath mo mhisneach
Gu ’n robh saighead am àirnean,
’S i ’gam shàthadh gu ’h-itich,
Mu ’n fhear churanta, làidir,
Nach robh fàilinn na ghliocas.
Cha robh ’n saoghal mar chàs ort
Nam biodh d’ àilleas fo d’ iochd dheth.
(III)
Cha do rinn mi riut fàilte
Ged-a thàinig thu, Sheumais.
Gur h-e mise ’tha cràiteach
Is cha slànaich an léigh mi
Bho nach ’eil thusa maireann
’Fhir bu cheanalt’ ’s bu bheusaich;
Gur h-e mise nach sòradh
Ní bu deònach le d’ bheul-sa.
(IV)
Ormsa thàinig am fuathas
On Di-luain so ’chaidh tharam;
Bho na chunnaic mo shùilean
Thu ’gad’ ’ghiùlan aig fearaibh.
Gu ’n robh mnai air bheag céille
’S fir gu deurach gad’ ghearan.—
O na dh’ fhàg iad ’sa’ chill thu
Och, mo dhìobhal, ’s trom ’m eallach.
(V)
’N uair a thug iad gu tilleadh
Gu ’n robh ’n iomairt ud cruaidh leam,
’S tusa ’rùin air do chàradh
Ann an càrnaich na fuarachd.
Com cho geal ris a’ chanach
Fo chùl clannach, cas, dualach.
’S truagh nach robh mise mar-riut,
’S mi gun anam, ’s an fhuar-leab’.
(VI)
’N uair a ràinig mi ’n clachan,
Chaidh am braisead mo dheuraibh.
Bho nach d’ ligeadh a steach mi
Dh’ ionns’ na leapa ’n robh m’ eudail.
Na am bitheadh tu maireann
Cha dhealaicheadh tu fhéin sinn;
Ochain, ochain, mo sgaradh
Gur h-i mo bharail a thréig mi.
(VII)
Air Di-Dòmhnaich ’sa’ chlachan
Cha an ’fhaic mi mo ghràdh ann;
Bidh gach aon té gu h-éibhinn
Is a céile fhéin làmh-r’i,
Ach bidh mise gad’ ghearan s’,
’Fhir bu cheanalta nàdar;
Mo theinn thruagh bhi ’gad chumhadh
’S tu ’n leab chumhainn nan clàran.
(VIII)
Tha mi ’m ònrachd ’s an fheasgar,
’Ghaoil, cha deasaich mi t’-àite,
’S gun mo dhùil ri thu ’thighinn,
’S e, ’fhir-cridhe, so chràidh mi.
Do chorp glé-ghlan th’ air dubhadh,
’S do chùl buidh’ th’ air dhroch-càradh.
Ged a dh’ fhàg mi thu ’m dheoghainn
B’e mo roghainn ’bhi làmh-riut.
(IX)
N’ am biodh fios air mo smaointinn
Aig gach aon dha bheil céile
’S fad’ mu ’n deanadh iad gearan
Fhad ’s a dh fhanadh iad-féin daibh.
Ged-a gheibhinn de dh’ òige
Air achd ’s gu ’m pòsadh dha dheug mi,
Cha an fhaicinn bho thoiseach
Aon bu docha na’n ceud fhear.
(X)
Na ’n do ghabhadh leat fògar
’S barail bheò ’bhi aig càch ort,
Gu an rachainn-sa ’n tòir ort,
B’e sin sòlas mo shlàinte,
’N dùil gu ’n deanadh tu tilleadh
’Dh’ ionns’ an ionaid a dh’ fhàg thu.—
’S feudar fhulang mar thachair,
’S ann a ghlais iad fo ’n chlàr thu.
(XI)
Och a Righ, gléidh mo chiall domh
’S mi ga d’ iargainn-sa ghràidhein:
Fhir bu tuigsich’ ’s bu chiallaich’,
’S mor ’bha chiatabh ’co-fhàs riut.—
Tha mi ’nis mar Mhaol-Ciaran,
’Gad ghna-iarraidh ’s mi cràiteach.
Math mo laigsinn, a Righ, dhomh,
Gur h-e d’ iasad a chràidh mi.
Le Làmh Caitrìona Nic Gilleathain.
(Sgrìobh i ’n t-òran so shìos ri chéile do chuimhne Seumas Mac Gilleathain. Bha Fíor Gáidheal an-mhath e fhéin agus chaidh e chun gu cogadh airson nan Gàidheal gun stad ri linn an t-saoghal fhada aige. Chuir e taighean nan Goill gu teine gun mhall ri linn gach aon ionnsaidh an aghaidh nan Goill agus an aghaidh a’ Ghalltachd cuideachd. Ba bhreagh leis an teine gun teagamh.)
(Bha ’n òran so chall san Seann Ghàidhealtachd mar mìorun mór nan Goill, agus chaidh e thairis nan tonn a muigh as nan Eileanan chun gu Cala Mór / Halafags, Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh.)