Dàrna Òran Gaoil

(I)
Thoir an t-soraidh so bhuam
’S dean a h-aiseag gu luath gu m’ ghràdh;
Thoir i null thar a’ chaoil,
Agus innis do m’ ghaol mar tha.
Gu bheil aiceid a’m’ chré
’S nach dean lighich’ dhomh feum no stà;
Mur-a faigh mi i-féin
Tha mi ’n cunnart dol eug gun dàil.

(II)
’S ann tha ’m fiabhras a’m’ cheann;
Tha mi iargaineach fann gun fheum
Le bhi ’smaointinn ’s gach àm
Mu ’n òg-ainnir a’s anns’ fo ’n ghréin,
’S truagh nach faighinn air làimh thu
’An ceanglaichean teann bho ’n chléir;
Rachadh m’ airsneal gu làr,
’S bhithinn aighearach, slàn gun éis.

(III)
B’ fhaoin leam airgiod no òr
B’ fhaoin leam bailtean an còir le ’n nì
Seach a’ mhaighdean ghlan òg s’,
’S i mo roghainn thar òigh ’s an tìr;
’S i an smaoin tha ’gam chràdh
’S a’ cur eagail a ghnà nam chrìdh’
Gur h-e fuath airson gràidh
A gheibh mise bho m’ Mhàiri bhinn.

(IV)
’S ann thug mise mo ghaol
Do na chailin a’s aoidheil’ gnùis;
Gorm-shùil mheallach, chiùin, thlàth
Tha fo mhala chaoil mhàld’ mo rùin.
Gruaidhean dearg mar an ròs,
Beul tana, deud còmhnard, dlùth,
Anail chubhraidh mar fhion,
Th’ aig an ainnir a’s fior-mhath cliù.

(V)
Tha i cuimir gun sgòd
Bho a mullach gu bròig a sios;—
Uchd glan, liontach gu leòir,
’S geal mar shneachda ’s e oirnn a tigh’nn.
Seang-chneas fallain gun ghaoid,
Calpa fìnealt’, troidh aotrom chruinn;
Basan réidhe nach cruaidh,
Is meòir chaola ’ni ’m fuaigheal grinn.

(VI)
Gur h-e mise tha fo bhròn,
’S tric a snigheadh mo dheòir gu làr
Le ’bhi ’smaointinn mu ’n òigh,
Finne mhaiseach a’ chòmhraidh thlàith.—
Mur-a faigh mi còir bhuan
Ort an ceanglaichean cruaidh, le d’ ghràdh
’S e ’bhi ’cumha mo cheòl,
’S bidh mi tuilleadh ri m’ bheò fo phràmh.

(VII)
’Ainnir thaitneach nam buadh,
O nach gabh thu dhiom truas ’s mi ’n càs;
Gur h-e fiabhras do ghaoil
Tha ’gam fhàgail cho faoin gach là,
’S ga mo ghreasad an aois,
’S geur an t-saighead tha ’m thaobh an sàs,—
Gu bheil mise ’dol eug,
Airson gaol ’thoirt do m’ euchdaig bhàin.

 

Le Teàrlach mac Iain am Bhard Mhor Mac Gilleathain (1813 gu 1880)