O, bhell. Bha fear…faodaidh sibh ag gun robh fear ann aon uair…
Bha fear ann aon uair air an dùthaich ann an gleann agus croit mhòr air a dhruim agus chaidhich e a-mach don ghleann feasgar agus chualaig e na sìdhichean sa bhrugh ag glaoidh: “Diluain, Dimàirt. Diluain, Dimàirt.”
Fhreagair esan ud, ghlaoidhich esan cuideachd, “Diluain, Dimàirt.”
Thàinig iad a-mach. Thug iad a-staigh don bhrugh e ’s thug dheth a chroit agus chaidhich e dhachaigh dìreach glan mar dhuin’ eile. Agus bha fear am bail’ eile dlùth air, chualaig e, croit air cuideachd. Chualaig e gun d’rinn iad croit ’s thug às. Dh’fhalbh e far an robh e, dh’innis ’m fear eile dha gabh mar a rinn e. Bha gràin mhòr air na sìdhichean air Dihaoine. Cha toigh leotha tuillidh sam bith. Ghlaodh iads’ a-mach, “Diluain, Dimàirt.”
Ach thuirt esan, gu mì-thoilichte, “Diardaoin, Dihaoine.”
Chuir seo leithid de dh’anger air na sìdhichean thug iad a-staigh e agus an àite a chroit a thoirt dheth, ’s ann a chuir muin a chroit thug iad bho fhear eile agus chuir iad air a chroit eile agus chuir iad dhachaidh e ’s an dà choirt air.
Le Iain Mac an t-Saoir
agus
Calum Mac Gilleathain (1915 gu 1960)
(Tha ’n sgeul seo mun na Sìthichean a’ Toirt Chroit o h-Aon Duine ‘gus ga Toirt Dha, ‘gus tha ’n sgeul seo nas mhatha cuideachd. Bha e sin an-mhor eadar nam muinntear Gàidhealach thairis na domhan thairis an t-Seann Ghaidhealtachd agus thairis nan tonn gu Dùthaich nan Craobh eadar Talamh an Éisg gu Meiceascó ‘gus eadar Gàrramh nam Bhrìghde (Florida ’s Spànnais) gu Gleann Uisge Dhearg agus air aghaidh gu h-Alasca cuideachd.)