(I)
A Thi mhòir a chruthaich na Dùilean,
’S a shocruich ’an cruinne
Le d’ ghàirdean cumhachdach, neartmhor
Air a bhunait;
Is glòrmhor an obair a rinn thu,
Niagara ainmeil,
An t-Eas mòr a rinn thu chumadh
’S an t-seann aimsir.
Sud an t-Eas iongantach, lòghmhor,
Eas mòr na gàrraich,
Eas ceòthranach, liaghlas na smùidrich,
’S na bùirich ghàbhaidh;
Eas fuaimearra, labhar na beucail
A’ leum ’na steallaibh
Thar bhile nan creagan aosmhor
Na chaoiribh geala,
Gu srideagach, sradagach, sneachd-gheal,
’S a dhreach soilleir;
A’ teàrnadh o ’bhràighe gu iochdar
Le dian bhoile;
Sruth uaine briseadh m’ a mhullach,
’S e ruith na dheannaibh
Thar bhearradh nan stacan àrda,
Le gàir mhaireann:
Le slachdraich ghailbhich a’ tuiteam
An slugan domhain,
Gu linnneachaibh dù-ghorm doilleir
A’ goil mar choire.
An t-aigeal ’ga thionndadh o’n iochdar
Le fior ainneart,
’S an glas uisge brùchdadh an uachdar
Le luathas saighde;
An linne ’ga sloistreadh ’s ’ga maistreadh
Troimhe chéile,
’S i fosgladh a broillich ghlas-duibh,
Ris na speuraibh.
B’ iongantach an sealladh bhi faicinn
Deataich lia-ghlais
Ag éirigh an àird anns an athar
Ri latha grianach;
’N uair shealladh tu fad air astar
Air an ioghnadh
’S e theireadh tu gur bàta-toite
A’ bh’ ann le smùidrich:
Ach ’n uair thigeadh tu ’m fagus da
Ghabhail beachd air,
Throm-fhliuchadh an cathadh caoir-gheal
Le braonaibh dealt thu;
’S chitheadh tu ’m bogha froise
Le dhathaibh sgiamhach,
Ged bhiodh side thioram sheasgair,
Anns an iarmailt.
Am mìn-uisge tuiteam mu ’n cuairt duit
Air an àilean
’S an fhaiche gu h-ùrail uaine
Mar a b’ àill leat:
(II)
Na craobhan a’ cinntinn dosrach
’S lusan ùr-ghorm
A’ fàs le feartaibh na gréine
Gu réidh fo ’n driùchd ud.
Na liosan a tha mu d’ thimchioll
Cha-n iarr uisge,
Cha-n aithne dhoibh idir tiormachd
Ri aimsir loisgich.
Cha tuigear leò ciod a’s ciall
Do bhi gun fhliche,
Ged theannaicheadh gach àit mun cuairt daibh
Mar chruas cloiche.
Tha ’n t-athar gun ghoinne gun chaomhnadh
A’ taomadh fheartan
A stòras do-thraoghadh na h-aimhne,
Gu saoibhir, beartach:
Dh’ fhàg sud aghaidh an fhuinn ud
A dh-oidhche ’s a latha
Gu h-ùrail uaine-fheurach àluinn
A’ fàs gu fallain.
’N uair théirneadh tu sios do’n t-slugan
Gu oir an uisge,
Bhódhradh an tormanaich uamhaidh
Do chluasan buileach.
N uair shealladh tu ’n sin mu ’n cuairt duit
Air a’ chas-shruth,
Chuireadh e do cheann ’na thuaineal
’S tu ’nad bhreislich;
’S an uair a thigeadh tu ’m fagus do ’n
Phlaide lia-ghlais
Tha ’n crochadh ri h-aghaidh na creige,
Bhiodh geilt us fiamh ort;
’N uair shéideadh a’ ghaoth gu làidir,
’S an t-uisge frasach
’Ga chathadh gu fiadhaich a d’ aodunn,
Gach taobh g’ an teich thu.
Mar latha gailbheach ’s an fhaoilteach
Le gaoth us uisge
A fhliuchadh am prioba na sùl’ thu,
’S a dhrùigheadh tur ort.
Mar osaig o inneal-séididh.
Fùirneis iarruinn,
’S amhluidh ghaoth sgalanta chruaidh ud
Thig le dian-neart
Eadar a’ charruig ’s an steall a tha
Nuas a’ tuiteam;
An còmhdach a th’ air do cheann
Is gann gum fuirich.
Shaoileadh tu gu ’n d’éirich doinionn
Anns an iarmailt,
Ged tha ’n t-side ciùin mar bhà i,
Dèarsach, grianach.
(III)
Ach trian cha-n urrainn mi aithris
De gach ioghnadh
A tha ri fhaicinn air an Eas ud
An t-Eas cliùiteach;
Bu mhòralach greadhnach an sealladh
E gun teagamh;
Ma tha iongantais air an t-saoghal
Is aon diubh esan.
Mìltean tunna gach mionaid
A’ tuiteam còmhlath
Thar bhile na creige do ’n linne
’Na aon mhòr-shruth;
’Us dlùth air ochd fichead throidhean
Anns an leum ud,
O bhràighe gu iochdar na creige
’Na seasamh dìreach;
’S a’ chreag ud gu h-àrd aig a mullach
Air chumadh leth-chruinn,
Cosmhuil ri crudha an eich charbaid
No leth cearcaill.
An t-uisge ’ga spùtadh na steallaibh
A mach gu fada,
O bhonn na creige, ’san linne
Fichead slat uaip;
Chluinneadh tu thorman seachd mile
Uaith air astar,
Mar thàirneanach anns na speuraibh
Ri beucaich neartmhoir.
’S ’nuair bhiodh tu ’nad sheasamh làimh ris
B’ amhluidh thartar
’Us mile carbad air cabhsair
Nan deann dol seachad.
Gu’n critheadh an t-athar mu ’n cuairt duit
Leis na buillibh
Tha ’n t-uisge trom a’ siorbhualadh
Air o’n mhullach;
Us maoth-chrith air an talamh throm
Fo bhonn do chasan,
Mar mhothaichear latha stoirmeil
Tigh ’ga chrathadh.
Ach ged bhiodh mile teang’ am bheul
Cha-n innsinn uile
Na h-iongantais a th’ air an Eas ud
Mar sin sguiream.
Le an Urramach Donnchadh mac Thómas mhic Eoin Mac Ghille Dhubh Blàr.
(Sgrìobh Donnchadh mac Thómas mhic Eoin Mac Ghille-Dhubh Blàr an dàn so eadar Òg-mhìos gu Sultain 1848. Sgrìobh e sin so nuair a bha e aig Niagara ’n Chanada sa bhliadhna 1848. Thánaig tinn mór aige air nuair a bha e ’nn, agus bha e ’staigh sa toigh le seachdanan fhada thun gu a bha e gu math a-rithist. Rugadh e sa Strath Ùr, Comhghall, Árra Ghaidheal air 1mh Iuchar 1815, agus dh’obair Tómas mac Eoin (d’ athair) air an talamh. Chuaidh e gu sgoil eadar 1825 gu 1834, agus chaidh e thun an Eaglais Cléirich mu’n aimsir sin. Fhuair obair e san Eaglais Cléirich sa bhliadhna 1845 agus bha e air Muile airson bliadhan sin. Chaidh e gu Phiogto, Albainn Nuadh sa 1846, agus bha e ’nn gu Céitein 1847 nuair a chaidh e thun gu Cuidhbéig agus Ontario. Chaidh e thun air aghaidh gu h-Ontario san Òg-mhìos 1848, agus rinn e cuairt gu ’n t-Eas Niagara nuair a sgrìobh e ’n dàn so.)