Fear a’ Bhàta

Luinneag.
“Fhir a bhàta no horo éile,
Fhir a bhàta no horo éile;
Fhir a bhàta no horo éile
Gu ma slàn dhuit ’s gach àit’ an téid thu.”

(I)
’N raoir ort bhruadair mi fhiùrain rùnaich;
Bha sinn còmhla ’s sinn sona sunndach;
Bha do phòg leam air bhlas an t-siùcair;
B’ fhada bhuam thu an uair a dhùisg mi.

(II)
S bochd dheth ’n neach sin a th’ ann ’s an t-saoghal
’S e gun airgiod, gun chrodh, gun chaoraich:
’S mòr an dìmeas leam air mo dhaoine
Gu ’n d’ leig iad dhiom thu ’s meud mo ghaoil ort.

(III)
Gur h-e m’ athair a rinn an eucoir
Nach do dh’ fhuasgail e le ’chuid spréidh thu,
Ghlas mo chiabhan le meud mo spéis dhiot,
’S cha toir mi bliadhna beò as d’ eughmhais.

(IV)
’S tric a chaidh mi leat fada, fada
’S shuidh mi comhl’ riut le sòlas aignidh;
Bhiodh do làmh is do bhreacan tharam,
’S bhiodh do phòg leam air bhlas na meala.

(V)
’S fada ’n diugh air an fhairge muigh thu;
’S de ma ni i an stoirm do shlugadh?
Ma ’se gaol do thé eile ’thug thu
’S truag a tha mi an déigh na ghuil mi.

(VI)
Och is och! gur-a fad’ air falbh thu
Air luing shiùbhlaich nam bratach dearga:
Gur tric mo shùil-sa ris an fhairge
Dh’ fheuch am faicear leam fear do dhealbha.

(VII)
’N uair ’théid mi mach gu ’m bi mu shùil ort,
’N uair thig mi steach gu ’m bi mo rùn ort:
Cha ’n ’eil thu mionaid as mo chuimhne
Bho ’n thig an là gus an tig an oidhche.

Le Sìne NicFhionnlaigh

(Sgrìobh Sìne an t-òran so do bhuaidh an gràdh ‘s croidhe nan Dòmhnull Mag Rath as Uig air Leòdhais. Ach chaoidh an t-òran thairis nan tonn chun gu Cala Mór air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh. ‘S òran so diofrail eile ‘mach as an chiad òran leis an t-ainm so cuideachd.)