Òran do m’ Aisling

(I)
Ann am chadal chunnacas agam
Ribhinn ghasda, thlachdmhor, òg;
Mur breug m’ aisling bha i m’ ghlacaibh
Sìnte seachad gun bhreith sgeòil.
Ri linn tàimh dhuinn anns an àite
Fhuair sinn càirdeas le blas phòg;
’N àm dhuinn dùsgadh b’ aobhar tùrs’ e
Bha mo rùn bhuam fad’ air falbh.

(II)
Saoil nach teachdair ’bho ’n eug m’ aisling
Mu ’n mhnaoi thaitnich ’s blasda pòg;
Mar ghath gréine ’n òir nan speur
Nochd si i fein air ghleus no dhò;
’S binne beul leam na guth theudan,
B’ i chùis éibhneis ’bhi ga còir;
’S gasd’ a ceum air faiche réidh
Cha lùb am feur fo bhonn a bròig.

(III)
Fhuaras eachdraidh air sàr-ghaisgeach;
Baintighearn’ ghlas e ’n gaol gu leòir;
Ise beairteach gun dad airce
’S esan gasd’ air bheagan stòir.
Phòs fear saibhir i cheart-éiginn,
’S thréig a h-éibhneas i r’a beò;
Bu cheòl cadail d’ i gun airce,
Nigheadh an dearc’ air bhrataibh sròil.

(IV)
Air do ’n òigear dol thar chòrsa
De cheart-deòin a null do ’n Spàinn
Cha bu bheò ach mios ’no dhò e,
Leag am bròn e sios gu làr.
Thugadh òrdagh leis d’ a òglach
Chridhe mòr a chur ’n a smàl
’S a thoirt dh’ ise am broinn litreach
Dual mar chriostal, mar mhin bhàin.

(V)
Air do ’n òglach tigh’nn gu còrsa
Rinneadh fòirneart air gu dàn;
Gach ni fhuair e thugadh bhuaithe
Le duin’ uaibhreach air bheag bàigh.
’N uair a dh’ fheum e dh’ aindeoin géilleadh,
Thuirt e “leubh an litir bhàn;
Leubh le tlachd i ’s dean mias blasda
’Bheir thu steach a dh’ ionns’ do mhnà.”

(VI)
Chaidh am bòrd a chur air dòigh
’S fhuair a’ bhean òg a’ mhias a b’ fheàrr;
Ghabh i sògh dh’ i, ghabh i leòir
’S dh’ fhàg i le deòin na lionadh Spàinn.
A fear-pòsda thuirt gu fòil,
Gabh sin a Mhòr is bidh tu slàn;
Cridhe d’ eudail ith gu léir e,
’S leubh an sgeula so bho làimh.

(VII)
Bha i ’n éiginn ’s i a leubhadh,
’S iomadh deur bha ruith le ’caoidh;
Sgian bheag gheur ghabh i dh’ i féin
’S dh’ ith i gu léir na bh’ air a mheis.
“Tha mi réidh ’s mo ghaol a’m chré,
An leoghann treubhach,” thubhairt i,
“Biadh no deoch cha téid am chorp
A chaoidh ’ni lochd os ceann do chrìdh.

Sàbhàilte le Iain mac Ailein, am Bàrd Mhic Gilleathain.

(‘S òran ghaol so cuideachd, ach fhuair i sin chall a-mach no’muich as a’ Seann Ghaidhealtachd, ach dh’ fhill i chugainne – muinntir nan Gàidheal – air ais a rithisd ann san Cala Mór air Albainn Nuadh sa Dùthaich nan Craobh.)