Féill Naomh Anndrais

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(I)
Oidhche Fhéill Anndrais, rinn iad coinneamh
Buidheann gun ghiamh, gun ghnìomh foilleill;
Nòs ar dùthcha ’ga thoirt am follais,
’S ann leam bu sholasach r’a sealladh.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(II)
Nach bu sholasach ri fhaicinn
Suaicheantas a’ Ghàidheil ghasta:
Boineid, féileadh is osain bhreaca
Biodag chairgneach is lann ’chinn ainsich.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(III)
Buidheann fhialaigh fhiachail thaitneach,
Treun an gnìomh is dian gu casgairt
’N àm dol sìos am blàr nam baiteal,
Nach do smuainich riamh air gealtachd.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(IV)
Comann mórdhalach ro loinneil
Suidhe sìos an seòmar soilleir;
Cliath lùth-mheóir toirt ceòl gu sgoinneil
Mach tro dhos nam beòil tholl cruinne.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(V)
’S i seo tòsta bhuadhach àghmhor:
Na bitheadh gruaim air fear ’ga tràghadh;
Cuimhnichibh car-son a tha i
Comunn Anndra naomh nan Gàidheal.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(VI)
’S na bitheadh di-chuimhn’ air ur càirdean
Air taobh thall an rubha-sàile;
’S ionnan iad am fuil ’s an nàdur;
’S ann bho Chluaidh a fhuair iad Pàdraig.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(VII)
Tòsta do uaisle na tìre,
Lìonaibh suas gu sguabaibh leibh i:
Is ìocshlaint bhuan i ’s truaill ’gar n-innsgin
Is adhbhar uaill dhuinn buaidh ar sinnsreadh.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(VIII)
Tòsta nan àrmunn glana
Bho thìr nan Garbh-Chrìoch is nan gleannaibh
An àm cruadail, fuathais na deannail
Choisneadh buaidh le bualadh lannan.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(IX)
’S ioma curaidh neartmhor treubhach
Bha ri àireamh riamh ’nar treudaibh;
B’ ann diubh Fionn bho fheachd na Féinne,
Diarmad, Osgar, Conn is Treunmhor.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(X)
Cha chòir dì-chuimhn’ bhith air Ullais,
B’ àrd a chliù ’s gach dùthaich aineol
Cha do sheas ri linn air thalamh
Fear a bhuinneadh buaidh dheth dh’aindeoin.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(XI)
Lath’ Allt a’ Bhonnaich a chòmhdaich
Euchd nan Gàidheal treubhach cròdhach
Triùir mu’n aon fhear, teachd ’nan comhdhail
’S dh’fhàg iad marbh ceud mìle air lòn diubh.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(XII)
Cò dh’an géilleadh fir na h-Alba,
Luchd an éididh bhòidhich bhalla-bhric?
Bhatarlúgh bu mhath a dhearbh iad
Euchd a feachd ’s iad ceart fo’n armachd.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(XIII)
Tòsta do Bhreatainn ’s do Éirinn
Is do luchd àiteachaidh an réim seo
Iad bhith buan a’ cur le chéile
Dìon a’ Chrùin bho dhùrachd bhéistean.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(XIV)
Tòsta na Gàilig ’am bhilibh,
A’ chainnt chairdeil làidir mhilis,
Math gu bàrdachd, dàn is filidh:
’S troich nì h-àicheadh ’s tràill nach sir i.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

(XV)
’S bho nach miann leam dol nas fhaide
Seach mun cinn mo bhriathrain mabach
Gur e an t-iarrtas a th’ agam
Toil a’ Chruitheir dùrachd m’ aigne.

Ho lì bhò ì a go li bho hò
Ho li bho i a go li bho ì
Ho li bho i a go li bho o
Smeòrach le mo dhùthaich mi.

Le Maoileas Mac GilleMhaoil.

(Sgríobh Maoileas an t-òran seo sa 1896. Bha e ‘s Baile na Glaisein, Ontario cuideachd. Chuir e ‘n t-òran seo ri chéile ma dh’iarraidh e do chur ga Gàidheal ri chéile le h-Oidhche Naomh Anndrais. Sgríobh e seo le ga Gàidheal Albainn, Gàidheal Éirinn, Gàidheal Mhanainn ‘s Gàidheal Dhúthaich nan Craobh mar tha mhaid daoin’ amhain ri chéile gus tha sin an sgeul leis an t-òran seo cuideachd)