Foirgheall an-aghaidh Tràilleachd (Seachdamh Mìos 1849)

Am measg gach cruadal agus sàrachadh a tha na Gàedheil a’ fulang, nach iad is còir a bhi taingeil air son na saorsa ’tha iad a’ mealtuinn — air son nan laghannan cothromach fo’m bheil iad nach fuiling do neach air bith eucoir a dheanamh orra, ni mò a cheadaicheas e dhoibhsan eucoir a dheanamh air aon a chéile? Ann an cearn air bith a bhuineas do Bhreatunn, tha ’n luchd-àiteachaidh, co dhiubh ’tha iad dubh, ruadh, no geal, iosal, no uasal, fo na h-aon laghannan, agus tha iad air an smachdachadh air an aon mhodh ma bhriseas iad na laghannan sin. Gidheadh cha robh na cùisean a ghnà mar so; oir cha’n ’eil an t-àm fad air ais anns am feudadh cinn-chinnidh na Gàedhealtachd leum air cheann a dheanamh orrasan a choisneadh an diomb, agus cha robh neach ann aig an robh a chridhe ’ràdh riu “’S olc a tha sibh a’ deanamh.”

Ach taing do Dhia chaidh na h-amannan borb ud seachad, agus tha nis, cha’n e mhàin làmhan luchd mi-riaghailt, ach mar an ceudna teangannan luchd-tuaileis fo chumhachd an lagha, air chor ’s nach fheud neach eadhoin droch alladh a thogail air a choimhearsnach gun pheanas fhulang air a shon. Ach ged nach ’eil tràillealachd ’sa Ghàedhealtachd féin, gidheadh tha mòran de na Gàedheil nan sealbhadairean thràillean ’an Aimearaga. ’N uair a bha feum air luchd-amhairc, ’s air luchd-iomain thràillean ’s na h-Innsean an Iar, bha sgaoth de Ghàedheil òga a fhuair greim air beagan fòghluim a’ dol a mach á caochladh chearnan gach bliadhna, mar a tha fios aig cuid d’ar léughadairean. Rinn iomad aon diubh so gu ro thapaidh, feumaidh sinn aideachadh; gidheadh bha iad am bicheantas air an truailleadh co mòr le comhluadar na muinntir a bha air thoiseach orra, maille ris gach cleachdadh an-iochdmhor, salach, a tha ghnà ’leantuinn tràillealachd, ’s gu’n robh iad mi-shona a dh’-aindeoin gach stòras a chuir iad cruinn. “Tha na h-òganaich a tha dol do na h-Innsean an Iar (arsa neach àraidh air an robh sinn eòlach) car coltach ri caora a rachadh a steach do chrò a bhiodh làn de chaoraich chloimheach; oir cha bhi i fada ’s a’ chrò gus am bi i coltach ri càch. Mu’n d’ fhàg mise tigh m’ athar anns an eilean Ileach, bha mi ’cur romham gu’n gluaisinn ann an eagal an Tighearna. Thug mi leam Bìobull ann an rùn a bhi ga léughadh air an turas-chuain, ’s mar an ceudna ’n uair a ruiginn thall. An déigh ochd bliadhn’ deug de ’m bheatha a chaitheadh ann an Séamaica, phill mi do m’ thìr dhù chais; ach bha ’n ceangal a rinn mi air a’ Bhìobull gun sgaoileadh ré na h-ùine sin — cha’n fhaca mi cothrom agam féin eadhoin air aon chaibdeal a léughadh!” ’N uair a chaidh na tràillean a chur fa sgaoil ’s na h-eileanan a bhuineadh do Bhreatunn ’s na h-Innsean an Iar, thug mòran de na Gàedheil a bha ’s na h-àitean sin tir-mòr Aimearaga orra, far a bheil iad féin a nis, mar a tha sinn a’ fòghlum o litrichean cuid diubh, nan sealbhadairean thràillean. Bho cheann eadar fichead agus deich bliadhna fichead roimhe so, chaidh mòran de na Gàedheil do Stàidean Aimearaga. Thuinich a’ chuid mhòr dhiubh so mu na Dhà Caraliana, cearn ’sa bheil tràillealachd ro chumanta; agus do bhrigh gur h-e “béus na tuath air am bithear a nithear,” thòisich na Gàedheil uigh air n-uigh ri ceannach agus ri àrach thràillean coltach ri’n coimhearsnaich. Tha mar an ceudna mòran de na Gàedheil òga ’tha ’dol do Chanada Uachdrach a’ sgaoileadh a sìos air an leitir fharsuing sin a tha ’ruigheachd o loch mòr Mhichigan gu Nuadh Orléan; agus gun fheòraich co dhiu tha e ceart an co-chréutairean a ghnàthachadh mar bhrùidean no nach ’eil, cho luath ’sa tha e ’n an comas tha iad a’ ceannach fearainn agus thràillean mar a tha muinntir eile ’deanamh. Mar so tha sinn a’ faicinn gu bheil mòran de na Gàedheil air an amladh ’s an olc uamhasach so. Cuimhnicheadh gach aon diubh a léughas na duilleagan so, nach urrainn doibh nas faide a thagradh mar lethsgeul, gu’n robh iad aineolach air a chionta throm a tha ’na luidhe air an dorsan. Am bheil aon diubh nach gabhadh ro olc e nan abradhmaid mèirleach, no robair ris; gidheadh cha ’n eil mèirle no reubain co peacach ri bhi gleidheadh ur bràithrean nan tràillean. “Nan goideadh neach mo sporan (ars’ aon àraidh) theirin mèirleach ris; nam buaileadh e mi le ’bhata ’s mo leagail, agus mo sporan ’s mo chòta ’thoirt uam gun taing theirin robair ris; ach nan tugadh e uam mo sporan, mo chòta agus mo shaorsa theirin maighstir thràillean ris!”

Le Urr. Alasdair Mac Griogair

(Sgríobh ’s rinn Alasdair Mac Griogair am foirgheall so ’n aghaidh na Gàedheil ag obair sa ’s leis tràilleachd ann san Aimearaga Thuaidh. Rinn e tursan fada mór thairis Aimearaga Thuaidh eadar Canadach Uachdarach agus Caraliana Tuath agus thánaig fearg an-mhor aige nuair a dh’fhoghluim ’s nuair a chunnaig e bha Gàedheil ‘obair san obair sin gun teagamh! Rinn agus chuir e so’muigh ás dheidh sin mar bha fearg an-an-mhor aige air san ám sin).