Làrach Eaglais

(I)
Tha làrach eaglais san Ros Mhuileach
anns nach robh luchd-èisteachd
no seirbheis cràbhaidh on latha
a chuireadh Inbhir Chèitein.

(II)
Latha ’n tug uabhar ar cinnidh
an leum àrd anns a’ bhiothbhuan,
an cruinn-leum a rinn am milleadh,
a dh’fhàg an darach ’na chritheann.

(III)
Gearrar latha gu ruig buantachd
mar a ghearrar màrmor ’s òr,
anns a’ ghiorrad tha an sìneadh
air am beir an gaol ’s a’ phròis.

(IV)
Tha beatha fada ’n cuimhne bàis
nuair ghearras euchd a’ bheatha chuim:
Niall Buidhe òg san leabaidh ùrach
’S Eachann Ruadh an crèadhaich thruim.

(V)
Ach dè mu na ceudan eile
Is ficheadan dhiubh cheart cho àrd
anns an spiorad rin ceann-cinnidh
Is ri bràthair a’ bhàird?

Le Somhairle MacGill-Eain

(Sgríobh e 'n dàn seo do cuimhne na 120 balaich às Ros Mhuileach a chaidh ead gu bàs sa Blàr Inbhir Céitinn air 20mh Iuchar 1651. Chaidh 760 fear as Muile 's Clann MhicGill-Eain shíos sa cath sin cuideachd, agus bha sin an garbh 's an chall air muinntir na Muilich gun teagamh.)