Latha Allt Éireann

(I)
Gu ma slàn ’s gu ma h-éibhinn
Do an Alasdair euchduch,
‘Choisinn cliù an Allt-Éirinn a mhór-sluaigh.

(II)
Leis na saighdearan laghach,
An am falbh air an rathad,
Le’m bu mhiann a bhi gabhail a chrònain.

(III)
Cha bu phràbaire tlàth thu
‘Dhol an caigneachadh chlaidhean,
Nuair a bha thu ’sa ghàrradh le d’ chòmhlann.

(IV)
Bha luchd chlogad is phìcean
A cur ort mar an dìchioll,
Gus an d’ fhuair thu rilibh ó Montrosa.

(V)
‘S iomadh òganach sùil-ghorm
Bh’ aig a gheat mu ’n robh ’n diùbhail,
Fo throm lot nan arm ruisghe gun chòmhradh.

(VI)
Agus lasgaire foinnidh,
‘Thuit an aobhar do loinne,
Bha nan sìneadh mu phollachan mòna.

(VII)
Chuir sibh Hurraidh ’s a dhaoine
Air an ruaig a bha daor dhaibh,
Nuair a bhruchd sibh maraon do na chòmhail (chòmdhail).

(VIII)
Cha robh Domhach nó Geinneach,
‘Bha ó dhùthaich Mhic Coinnich,
Nach do dh’fhàg an airm-thein’ air a mhòintich.

(IX)
Cha robh Tomaidh nó Simidh,
Ann am fearann Mhic Shimidh,
Nach do thar anns gach ionad ’am frogaibh.

Le Iain Lom Mac Dòmhnuill nan Ceapaich
(1620 go 1709)