Marbh-Rann do ‘n Bhard Mac Gilleathain

(I)
Feadh na dùthcha tha sgeula
’Rùisg mo theudan gu carachadh;
Mheudaich m’ airsneal is m’ éislean
Bho ’n là thréig ar ceann-ealaidh sinn.
Air an rathad gu d’ chéile
Bhuail an t-eug a gheur-shaighead ort;
Mionaid dalach cha d’ fhuair thu
Thug e bhuainn gu ro-ealamh thu.

(II)
Bha thu furanach, càirdeil
Ris gach Gàidheal ’fhuair sealladh ort;
Mu ’n do ghluais thu thar sàile
Fhuair thu tàlantan ’s lean iad riut.
Cha b’ e ’m fuidheall bho ’n d’ fhàs thu
Ach an t-sàr-fhuil ghlan Leathanach;
Dream a sheasadh an làrach
Mar àrd-ghàradh, gun taiseachadh.

(III)
Bu leat toiseach a chòmhraidh
Anns gach còmhdhail ’s an tachradh tu;
B’ ullamh deas bha dhuit briathran,
’S tu nach iarradh r’an ceannach iad:
Oilbheum ealamh cha b’ fhiach leat
Ged-a b’ easgaidh do theanga dhuit;
Bàigheil caoimhneil, mar ’dh’ iarrteadh
Bha thu riamh ris gach aineolach.

(IV)
B’ i sud oidhche na dòruinn
’S goirt a leòn do luchd-taigheadais;
Rinn thu ’m fàgail ad shlàinte
’S e na càirdean ’thug dhachaidh thu.—
Chuireadh dàin ann an clò leat,
’S tha roinn mhòr gun dol fhathast ann
’Bhios nan cuimhneachain bròin daibh
Fhad ’s is beò air an talamh iad.

(V)
Bha thu barraicht’ an eòlas
Anns gach seòl anns an gabhainn thu,
Mu do bhuadhannan òirdheirc
Bhiodh luchd-còmhraidh a labhairt rium.
Beul thu ’dheanadh na h-òrain
A bhiodh òrdail neòmhearachdach;
Seanachaidh aineachail, eòlach,
B’e chùis-shòlais ’bhi maille riut.

(VI)
’N uair a shuidheadh na h-uaislean,
’S tric a fhuair do dheas-labhairt dhuit
Iad ’bhi mùirneach mu ’n cuairt dhuit;
’S bha do ghluasad gun mhearachd ann.
B’ e caoin-stuamachd bu ghnàs leat
’Nàm ’bhi tràghadh nan searragan
Anns gach cuideachd ’s am biodh tu,
Bhiodh toil-inntinn is carthannachd.

(VII)
Cha robh dlùth dhuit ni suarach,
Bha thu uasal ro-cheanalta;
Bha thu measail mu ’n ghluais thu
Far na bhuaineadh ad leanabh thu;
Cha robh duine ’thug fuath dhuit
Fhad ’s a chualas ’s an fhearann so;
D’ uile-dhòighean bha fiùghail
’S bha gach sùil a toirt aire dhaibh.

(VIII)
Gur-a carach thu ’shaoghail,
Cha’n fhaigh daoin’ ach geàrr-shealladh dhiot:
’N uair nach bi sinn ’ga shaoilsinn
Thig an t-aog oirnn mar dhealanach.—
Biomaid daonnan ag imeachd
Leis an Ti sin a cheannaich sinn,
A toirt ùmhlachd d’a àintean
’S a toirt gràidh le ar n-anam dha.

Le Alasdair Mac Dhomhnuill.

(Rugadh ‘s togadh Alasdair Mac Dhomhnuill san Mùideart ann san Seann Ghaidhealtachd, agus sgrìobh e ‘n dàn so do chuimhne do charaid am Bhard Mór nuair a chaidh e thun gu ‘n Domhan eile)