An Dubh-Luideach

(I)
’N cuala sibh mu ’n bhargain
’Rinn Aonghas is Dòmhnull
’N uair fhuair iad a chearbach
A cheannachadh le sòlas;
Tha farmad ’s cha ’n neònach
Air mòran is stuirt.
’N uair théid a cur suas
Airson cuain an deadh-òrdagh
Le aodach math ùr,
’S i fo chùram fir eòlach,
Ged shéideadh na neòil
Ni i seòladh ’chum puirt.
Mu ’n Mhaoil air a’ chladach
Gu ’m b’ fhad i na breochaid,
Gun ràmh, gun bhall acfhuinn
Gun acair, gun sròn-thaod’.
Chaidh ’m Piobair’ ga calcadh
’S ga ceartachadh foipe;
’S ’n uair sgriob e ’n taobh steach dhi
Bho chlachaibh ’s bho òtrach
Cha rachadh neach còir
Air a tòir gu taigh-mhuc.

(II)
An deireadh a’ Mhàirt
Théid an sàile fo ’n t-sròin aic’
Is tàirnear do ’n chamus
’Tha thall ud le ròp i;
Ni ’n Rideach a bòrdadh,
’S théid cot’ oirre muigh.
Gun sòradh air cosgais
Théid copar ga còmhdach;
Théid croinn de dh’ fhiodh gasd’ innt’
Le slatan gun fhòtus—
Gach ni bidh mar ’s còir
Mu ’n téid gorag bharr stuic.
’S i-féin a bhios àluinn
Air sàile fo cleòchda
A falbh thun an iasgaich
’S fir iasgaidh ga seòladh.
Fo làimh a luchd-riaghlaidh
Bidh biadh de gach seòrsa:
Bheir Aonghas an t-àrmunn
Leis càis is min eòrna,
’S bidh Moipein aig Dòmhnull
Gu feòil agus Brusg.

(III)
De ’m fàth bhi ga sheanachas,
Bidh ainm oirr’ ’s na crìochan!
’N uair théid i gu fairg’
Cha bhi ainbhfhiach gun dioladh;
’S e ’n sealbh a thug sios iad
’Ga h-iarraidh chum puirt,
Nam bitheadh fir sgairteil
Bhiodh tapaidh gu gniomh ac’,
Ri fairg’ air an cleachdadh
’S gun ghealtachd gun fhiamh annt’,
Cha sìneadh r’a cliathaich
Na dh’ fheuchadh a chruit.
Na fir tha mu ’n chladach,
Am prasgan, cha ’n fhiach iad;
’S ann ’sgriobhas sinn dachaidh,
’S thig caiptein á Grianaig,
A sheòlas le chairt
Ged is farsuinn i, ’chriosdachd;
Ni eòlas le beachd
Air gach acarsaidh thiorail;
’S cha ’n fhaicear am bliadhn’ iad
Ag iasgach an truisg.

(IV)
O’n fhuair iad deadh-bhàt’
’S iomadh àit’ am bi ’n eòlas;
’S ann ’dh’ éirich an nàdar,
An àrdan, ’s am mòrchuis;
Gur stràiceil air bòrd iad,
Tha ’n stòras ’s a’ mhuir!
O’n Fhraing bheir iad branndaidh
An nall dhuinn le ’n geòla
Is gin a bhios blasda
O bhailtean na h-Olaint;
Bidh pailteas r’a òl
De gach seòrsa de stuth.
Gu cùlthaobh na gréine
Le eud théid na h-òigfhir
A dh’ iarraidh luchd sheudan
’Bhios feumail ri ’m beò dhaibh.
’N uair thig iad air ais
Ni iad beairteach an seòrsa;
Théid cunntas do Shasunn
Air gaisge nan connspunn;
Bidh iomradh gu leòir diubh
’S gur leòmach an guth.

(V)
Bha meat agus caiptein
Ac’ maduinn Diciadaoin;
Gu ghrad rinn iad deas
Gu bhi mach aig an iasgach
A ghaoth bha o ’n Iar,
’S i ro chiatach gu ruith.
Chaidh ’h-aodach a sgaoileadh,
’S bha saothair ’s a ghniomh sin,
Ri iùbhrach an àidh,
’Dhol a shnàmh nan tonn iargalt’:—
Bha craobh air an iarmailt,
’S e spionadh a chith.
Aig bun Allt’ a’ Bhorbhain
Bha ’n soirbheas a séideadh,
’S ’n uair dh’éirich an fhairge
Chaidh Aonghas gu éigheach,
’S bha Dòmhnull na shìneadh
’S e dìobhuirt na léine.
’S e ’m meat bha ’s a chàs
’S a chuid làmh air a thréigsinn,
’S an caiptein a speuradh.

(VI)
A mach ’s an lòn mhòr
’S ann a thòisich muir-bàite;
Le aineas a’ chuain
Chuir e ’n uachdar an làthach,
’S bha uamhunn a’ bhàis
Ann an càileachd gach fir.
Bha aon diù a chualas
’S an uair sin ag ràitinn:—
So ’n turas gun bhuaidh,
Och, mo thruaighe mar tha mi,
Ged ’s luaineach air snàmh mi,
’S beag stà tha nam sgil.
Ma thàinig mo chrìoch
’S iomadh nionag ’bhios cràiteach,
Bhios gal-shùileach, deurach,
Mu sgeula mo bhàthaidh;
Ach ’s coma gu léir iad
Seach m’ eudail mo mhàthair;
Nach mi bha fo sgéith
Anns an éiginn so ’n dràsta;
Ged bhuaileadh i stràc
Gheibhinn blàths mar bu tric’.

(VII)
Bha ’n fhairg’ air a maistreadh
Tiugh lachdunn mar ruaimle;
Bha maorach a’ chladaich
Ga shladadh mu ’n cluasan;
Clach-shneachda ’s gaoth tuath
Bha tighinn cruaidh air gach pluic.
Tha ’n t-aodach air sracadh
’S na slatan air fuasgladh;
Tha gaoir aig gach aisne
An slachdraich an fhuathais;
’S mu ’n casan tha ’gluasad
Sruth uaine air mhisg.
Tha ’m Pump air a thacadh
’S gun sgairt gu cur bhuaithe;
’S an stiùir tha na sgealban
’S an fhairge mu ’n cuairt dhaibh.—
O’n mheat thàinig ràn,
Ged bu dàn e an cruadal:
An crann tha le ’acfhuinn
A mach thar a guallainn;
Roimh chairteal na h-uarach
’S i ’s uaigh dhaibh an t-uisg’.

(VIII)
Gun dàil thàinig fèith,
’S ’nuair bu léir dhaibh, ’s a sheall iad,
De ’chunnaic iad faisg orr’
Ach maise na banntraich;
’S bha aoibhneas do-labhradh
’S an àm sin nam measg.
Gu luath bha ’n Dubh-Luideach
Aig slugan an dàim ac’,
Is dh ’fhàg iad aig port i
Aig drochaid a’ mhuilleir;
’S bu lag chuiseach fann iad,
’S gach ball diubh air chrith.
Le colg thuirt an Caiptein
’S i m’ earail-sa tràth dhuibh
Gu ’n ionnsaich sibh marachd
Mu ’n ceannaich sibh bàta,
’S gun sùil thoirt air creuthaich
Bhios feumach air càradh.”—
Thuirt iadsan le chéile
“Cha bhreug tha thu ’g ràitinn,
Cha téid sinn gu bràth
Ann am bàta ’s am bith.”

Le Iain mac Eóin Mac GilleBhràth no Iain am Pìobaire Mór (1792 gu 1862)

(Sgrìobh Iain am Pìobaire ‘n òran so ‘gus rugadh e san Mùideart. Thàinig e gu h-Albainn Nuadh, Dùthaich nan Craobh leth-shaoghal aige. Rinn e ‘n dachaidh air Antaganais, Tràigh Chamuis, taobh tuath na h-Albainn Nuadh. Sgrìobh e ‘n òran mu’n beirt mac aige – Aonghas ‘s Dòmhnull – agus bha ead garbh an aghaidh bràthair eile Alasdair mac Iain am Pìobaire mar chaidh e thun an Eaglais Caitlicigh mar dh’iarr e do’n obair ‘s saoghal naomhtha nan sagartachd san Eaglais. Dh’fhoghluim Iain am Pìobaire mu’n plean aca – Aonghas ‘s Dòmhnull – do cheannach bàta ùr agus chaidh e thun do’n oraic air sin, agus cha robh e gu math le ‘m bàta. Ach char dhubhairt e sin thugu. Dubhairt e sin thun Alasdair an Sagart, agus rinn ead gàireachd / gàire mór eadarthu mu sin.)