(I)
Ann an deireadh a’ Gheamhraidh
Thug am bàs ort grad-ionnsaidh
’S dh ’fhàg e sìnte gun chainnt thu,
’S dubhach sinne ga d’ ionndrainn,
Tha sinn uil’ ann an teanntachd
Bho na chaill sinn an ceannard;
’S mòr an diobhail do bhàs a thigh’nn òirnn.
(II)
Gu ’m b’ e ’n teachdaire dàn
A thug an sgobadh gun fhàbhar;
Cha robh mionaid de dhàil ann,
Ged bha càirdean a làthair
Guth cha d’ fhuair e a ràdh riu;
Dh’ fhàg e sinne ro-chràiteach
’Bhi ga d’ righeadh ’s ga d’ chàradh air bòrd.
(III)
Leam cha ’n ioghnadh do chéile
A bhi tùrsach mu d’ dhéibhinn;
Bha aic’ aobhar air deuraibh
’N uair a chual i an sgeula
Thu bhi ’d shìneadh air déilidh
Is gun sùil ri thu dh’ éiridh;
Dh’ fhag sin ise ann an éislean r’a beò.
(IV)
Gur h-e deireadh gach duine
A bhi falbh air an turas
Dheth nach till iad ruinn tuilleadh,
Cha ’n ’eil aon a ni fuireach:—
Gur h-e aobhar mo chumha
Mac-Gilleain bho Dhubhairt
A bhi bhuainn an àm suidhe mu ’n bhòrd.
(V)
Có a nis ’bheir dhuinn eachdraidh
Mu gach fine ’s ceann-feachda
’S tric a dhearbh ann am baiteil
A bhi cruadalach sgairteil?
Dh’ fhalbh a’ Ghàilig ghrinn, bhlasda,
Dh’ fhalbh a’ bhàrdachd dheas-fhaclach
Bho ’n là chàireadh thu ’d laidhe fo ’n fhòid.
(VI)
Anns an tung, dubhach, sàmhach
’Rinn na càirdean do chàradh
’Fhir a dheanadh na dànaibh
’Dh ’fheuchadh modhalachd nàdair;
’S nach biodh cearbach le failinn;
’N diugh cha ’n ’eil am measg Ghàidheal
Bàrd le d’ chomasan àrda-sa beò.
(VII)
’S mòr am beud thu bhi bhuainn
An àm suidhe nan uaislean;
’S tu gu h-ealamh a dh’ fhuasgaileadh
Dhuinn na ceistean bu chruaidhe;
Bha do sheanachas ro-luachmhor
’S tu gun àrdan ad ghluasad;
Bu cheann-uidhe thu bha uasal mu d’ bhòrd.
(VIII)
Bhiodh luchd-turais ’gad iarruidh
’Shàr-chinn-uibhe na biatachd;
’S ged-a ruigeadh na ciadan
Rachadh aoidheachd dhaibh fhiachainn.
Bu tu cridhe na fialachd;
’S gheibht’ bhuait eachdraidhean ciatach;
’S tric a dh’ éisd mi deas-bhriathran do bheòil.
(IX)
Bu tu ’n riaraiche dibhe
’N uair ’bhiodh d’ aoidhean nan suidhe;
’S gheibht’ na h-òrain bu ghrinne
Gu ro-phongail bho d’ bhilibh;
Bha thu cliùiteach mar fhilidh
Measg nan Gàidheal ’s gach ionad;
Dh’ fhàg do bhàs iomad cridhe fo bhròn.
(X)
Bha thu eòlach ’s a’ Bhiobul
Thug thu tlachd bho do chrìdh’ dha
’S iomadh laoidh ’rinn thu ’sgrìobhadh
Ann am briathraibh ro-bhrìoghail,
Gu ar stiùireadh ’s an t-sligh’ sin
A chaidh fhosladh le Iosa
Le ’fhuil luachmhoir, do rioghachd na glòir’.
(XI)
Tha mo thuireadh neo fheumail
Is nach till thu ’gu m’ éisdeachd;
Ruigidh mise ’s gach creutair
’N uair a nitear ar n-eubhach,
Tha an tìm air a seuladh,
’S còir an fhirinn a leughadh
’S a bhi ’gluasad ’na ceumaibh gach lò.
(XII)
Tha na mìltean ag ionndrainn
Gu ’n do chàireadh ’s an ùir thu;
Cha ’n ’eil neach anns an dùthaich
A bha riamh ann an diomh riut;
Cha robh smal air do bhiùthas;
’S fhad’ an ùin’ a bhios cuimhn’ ort;
Bha thu d’ dhuine bha cliùiteach ’s gach dòigh.
(XIII)
Gu ’n robh ìslean is uaislean
Uile measail mu d’ bhuadhan.
B’e do chleachdadh an stuamachd,
Bha thu iriosal, trucant’,
’S tu ’s a’ cheartas a’ gluasad:
’S do gach nàbaidh mu ’n cuairt duit
Bha do chomhairlean luachmhor mar òr.
(XIV)
Do chuid tàlantan àrda,
Is na subhailcean àlainn
A bha fight’ ann ad nàdar
Dhomhs’ cha chomasach àireamh;—
’S truagh nach robh ann neach àraidh
A thoirt sgéil mar a b’ àill leam
Ann am marbh-rann mu ’n bhàs thàinig òirnn.
Le Iain mac Alasdair Camshron.
(Rugadh agus togadh Iain mac Alasdair san Dabhach an Fhasaidh, Loch Abar. Thánaig e thun gu h-Albainn Nuadh, Dùthaich nan Craobh sa bhliadhna 1817. Bh’ Alasdair d’ ainm air d’ athair, agus bh’ Ánna d’ ainm air do mháthair aige. Sgríobh e ’n dàn so mar bha e charaid an-mhor leis am bhàrd mhòr, agus bha sgrios an-mhor aige nuair a fhuair am Bhàrd Mór bàs sa bhliadhna 1848. Sgrìobh Iain mac Alasdair an dàn so shìos eadar 1848 gu 1858. Shiubhail e bàs sa bhliadhna 1858)