Luinneag.
Tha mi so ’sa’ choille chruim
Teannaidh mi ri togail fuinn,
Tha na gilean òga cruinn
’S b’ fheàrr leam féin gu ’n robh mi ann.
(I)
Gur-a h-inntinneach an dràst
’Chuideachd a tha ’n taigh Iain Bhàin
’Cluich nan disnean air a’ chlàr,
Ged-a tha mi gun dol ann.
Tha mi so ’sa’ choille chruim.
(II)
Saoil thu, ’bhean, an téid mi sìos,
Dh’ fheuch an coisinn mi ’s an strì;
Suarach leth-dollar ’g am dhìth
Seach uaireadair grinn am làimh.
(III)
Labhair a’ bhean rium le gruaim,
Saoil nach tusa ’n duine truagh,
Dùil agad gu ’n toir thu buaidh;
Ciod am buaireadh tha ’n ad cheann.
(IV)
Thuirt am Frisealach rium fhìn
Gu ’n robh esan air a tì,
’S chuir e cabhag air a mhnaoi
’S gu ’m biodh ruidhl’ aca roimh ’n àm.
(V)
Thuirt Iain Camshron rium Di-luain
Gu ’m b’ fheàrr leis aig i na luach
Ged a chosdadh i ’bhò chruaidh
Thug e bho Iain Ruadh ’s a’ Ghleann.
(VI)
Tha Gleann-a-Comhann ag ràdh
Nach leig esan i le càch
Ged a chosdadh i ’n t-each bàn,
’S gur-a làidir e ’sa’ chrann.
(VII)
Tha fear eil’ ann ’th ’air a tòir
’S ni e a ceannach le chuid òir,
Tha e ’m bliadhn’ air dol gu spòrs,—
Seumas Dòmhnullach ud thall.
(VIII)
Bha, ars’ Eòbhann mòr, ann uair,
’N uair bha mi ’s an dùthaich shuas,
Is bha té agam le uaill,
Chuir mi bhuain i, dh’fhàs i mall.
(IX)
Uaireadairean ’s ni gun stà,
Bidh iad tric a dol gu ceàrd
’S iad le fuachd no stùr nan tàmh,
Tha iad fàilinneach ’s gach ball.
(X)
Thuirt Murachadh, ’s e ’g éiridh suas,
Ged-a thilginn ’s a dà uair
Cha bhi ’n t-uaireadair so bhuam,
’S ann bha ’n uaisl’ air dol ’na cheann.
(XI)
Bha Uilleam am misnich mhòir
’N uair a thilg e air a’ bhòrd,
Shaoil leis gu ’n robh i na dhòrn,
Cha robh ’n sud ach dòchas meallt’.
(XII)
Bha Alastair donn ’na leum
Coltach ri duin’ as a chéill
’S dùil aige gu ’n d’ rinn e feum
Gus na leughadh dha na bh’ ann.
(XIII)
An sin labhair Uilleam Shè,
Cuir a nall i, chaill thu ’n réis,
Na biodh sùil agad na déigh
Bho na tha do Bheurla gann.
(XIV)
Thuirt Alastair òg gu fòil,
Cha leig mise i leat le m’ dheòin;
’S ann dhomh ’s freagarraiche an spòrs,
Bho ’n fhuair mi air dòigh an dam.
(XV)
Ma théid na bodaich gu feirg
’S eagal leam gu ’m bi iad searbh
Bho na rinn am misneach falbh
’S gu bheil am fear dearg cho meallt’.
(XVI)
B’e sin trod nam ban mu ’n sgarbh
Chaidh air iteig leis an stoirm;
’S ann bu choltach iad ri arm
’Dheanadh marbhadh le ’n cuid lann.
(XVII)
’S e tha toilicht’ an gille òg
A thug dhachaidh i na phòc’;
Dh’ fhàg e na bodaich fo bhròn,
’S cha dean ceòl an cur a dhanns’.
Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleain (1787 gu 1848)
(Chuir Dòmhnull Iain Bhàin raffail air sa taigh aige mu bliadhna 1831. Bha e sin airson uaireadar pòca. Chuir gach aon daoine san àite leth-dollaer a-staigh aig an raffail agus bha ’n craic gu gasta gun teagamh)