Marbhrann Do Dhithis Chloinne

(I)
Nam biodh teanga bhàird agam;
Chum dàin a chur air loinn,
Dh’innsinn do mo chàirdean,
Mar a rinn am bàs mo chlaoidh.
‘S ann an mìos na Màirt,
Dhealaich e na pàistean rùin;
Ach tha mi ag altram dòchais,
Gu bheil an t-òran aca ga sheinn.

(II)
An camhanaich na maidne,
‘S mi trom airsnealach troimh ‘n oidhche;
Laigh mi air mo leabaidh leat,
‘S cha tug thu freagradh dhuinn;
Phlosg mo chridhe is dh’ fhàilnich e,
Le meud mo chràidh an raoir,
Cò dh’innseas meud mo dhoruinn,
‘N uair chaidh Seònaid ga toirt bhuainn.

(III)
‘N uair thug sinn chun an teine thu,
Is a chunnaic sinn do shnuadh,
‘S a chreid mi gur e ‘m bàs a bh’ort;
A ghràidh bha sin cho cruaidh.
Bha na deòir a’ sileadh bho,
Mo chridhe air mo ghruaidh:
Ach an Ti thug còir dhuinn oirbh,
‘Se dh’òrdaich ‘ur toirt bhuainn.

(IV)
Thionndaidh mi car tamaill bhuat,
‘S tu teannadh ris a chrìch,
Is thill mi chum na leapa,
Far an robh mo bhalach tinn.
Bha mi call mo dhòchas dhut,
‘S bu brònach cor mo chridhe.
Chaidh esan a thoirt dhachaidh uainn,
Mus do chaidil thu ‘s a’ chill.

(V)
‘N uair dh’èireas mi ‘s a’ mhadainn,
Chun an teine bheir mi sùil,
Air an àite ‘s na chleachd sibh,
A bhith cleasachd rith mo thaobh.
Cha chluinn mi fuaim bhur gàire,
‘S bidh sud gam fhàgail sgìth;
Ach tha mi ghràidh an dòchas,
Gu bheil sibh còmhla ris an Rìgh.

(VI)
‘N uair sheasas mi ‘s an doras,
Bith mi ag amharc anns gach àite,
An dùil gu faic mi tighinn sibh,
‘N ur dithis mar bu ghnàth,
Air làimh a chèill chitheadh sibh;
‘S dh’aindheoin de bhiodh cèarr,
Cha dhealaicheadh sibh ri chèill,
Gus an d’ ghèill sibh don bhàs.

(VII)
Nach math gu bheil e sgriòbhta,
Nad fhìrinn nach eil ceàrr,
Gu bheil thu cuireadh leanabaidh;
‘S nach teart thu iad bho chàch.
‘N uair bhios mo chridhe tinn,
‘S mi ri caoidh na chaidh gu bàs,
‘S e d’fhocal fèin bheir faochadh dhomh;
‘S a chuireas mi nam thàmh.

Le Annag nighean Alasdair mac Iain MacLeòid neo Annag NicLeòid MhicGhilleFhinnein (1877 gu 1957)

(Sgrìobh Annag MhicGhilleFhinnein an amhran seo ri chéile ‘n dheidh a chaochail beirt pàisde aice ri linn an Tinneas Mhór san 1919. Bha Seonaig nighean Tormad MacGilleFhinnein (1909 gu 1919) agus bh’ Ailig Eòghan mac Tormad Alasdair Niall Drobhair mhac Niall Drobhair ‘ic Aonghas Drobhair Dòmhnull Drobhair MacGilleFhinnein (1914 gu 1919). ‘S marbhrann seo chun an chuimhne na beirt pàisde bhàis aice ‘gas tha e sin gu mhath.)