Marbhrann do Dhòmhnall Mòr Òg

(I)
’S goirt an naidheachd seo a thàinig oirnn à Bràigh Uisge Ruaidh:
Chaill sliochd Iain ’ic Mhàrtainn guala làidir nam buadh.
’S lìomhor h-aon tha cràiteach ri linn do chàradh san uaigh:
’S beag an t-iongnadh do chàirdean iad bhith ’n-dràsda fo ghruaim.

(II)
’S e bhith gad iargain, a Dhòmhnaill, a dh’fhàg brònach an sluagh:
’S lìonar maighdeann ’s bean òg chìt’ na deòir ruith le ’n gruaidh,
Bhon latha chaidh don chàradh fon fhòd anns an uaigh
An ciste ghiuthais nam bòrd nach dùisg ceòl gu Là Luain.

(III)
Làmh a losgadh an fhùdair an àird nan stùc-bheanna fuar,
’S e bhith gad thogail air ghiùlan dh’fhàg do mhuinntir cho truagh.
’S lèir an làrach ’s an dùthaich gun deachaidh an ùir ort cho luath,
Gum b’ e fear comhairle ’s rùin a bh’ aig an Diùc san Taobh Tuath.

(IV)
Bha thu iriseil, càirdeil, dèir[c]each, pàirteach ri bochd,
Uasal, companta, bràthreil, ge b’ e càs thigeadh ort:
Bu trom torradh do làmhaidh nuair a thàrradh tu ’n trod –
Bhiodh mòr fheum aig do nàmhaid air lighich gu càradh a lot.

(V)
’S ann math a laigheadh an armachd air slios dealbhaich an laoich:
Paidhir dhag nam ball airgid ’s iad gun chearb air do thaobh,
Biodag ghlas na cas chairrgneach, bannach, airgeadach, daor –
’N àm an ceannach bhon mhargadh cho bhiodh tairgse dhiubh saor.

(VI)
Thig fèile ’s sàr bhreacan ort am pleatadh gu dlùth,
Boineid ghorm anns an fhasan air chùl bachlach nan lùb;
Osan geàrr an deagh chadaidh, paidhir ghartan bhon bhùth
Air do chalpannan gasda siubhal ghlac agus chùirn.

(VII)
Sàr bhiataich an rathaid air an tathaicheadh sluagh,
Gheibhte sona bho d’ làmhan gach aon latha toirt bhuat:
Nuair a shuidheadh tu ’d chathair, a ghnùis bu fhlathaile snuadh,
Gheibhte sùgradh is aighear an cùirt do thaighe gun ghruaim.

(VIII)
Sàr bhiataiche dibhe ’n am suidhe ’s taigh-òsd’,
Ort bu shuarach am botal bhith ga chosd aig a’ bhòrd:
Chan fhòghnadh an seipein, leat bu bheag e ri òl,
Ach na tungaichean lìonte air an dìoladh tu ’n t-òr.

(IX)
Teanga mheachainteach chinnteach, cha blasd gu innse gach sgeòil,
Deud snaidhte mar ìobhraidh ’s a bheul bu shìobhalta glòir,
Sùil ghorm is glain lìonte mar dhriùchd san mhìn mhadainn cheò,
D’ fhuil mhòrdhalach phrìseil nad ghruaidhean air sìoladh mar ròs.

(X)
Fear cuirp a b’ fheàrr cumadh fo chùl do mhullaich gu d’ bhonn,
Pearsa ghasda, dheas, dhìreach, dh’fhàs gu mi-leathainn [mìleanta] trom:
’N am nan creachan a dhìreadh fear a b’ inntinnich’ fonn –
Cò bhuinnigeadh strìth ort siubhal frìth nan damh donn?

(XI)
’S tric a laigh thu air d’ uilinn Monadh Dhruiminn san fhraoch,
Cuilein seang aig do chasan ’s do chuilbhir snaidhte ri d’ thaobh,
Gabhail beachd air an adhar ciod b’ e ’n rathad don ghaoth,
’G iarraidh fàth air na daimh ’s do shùil ri amharc glè chaol.

(XII)
Cò ’n sealgair thug bàrr ort am bun no ’m bràighe nan gleann,
Eadar crìoch Earra-Ghàidheal agus Bàideanach thall?
B’ e do roghainn is d’ abhachd bhith siubhal fàsach nam beann:
‘S ann an deaghaidh do làmhaich a gheibhte ’n cnàimh nach biodh gann.

(XIII)
Nuair a sgaoileadh tu ’n fhaghaid air madainn fhoghair ri dealt’,
Bhiodh do mhial-choin gan taghadh co-meud ’s do raghainn a’ toirt leat:
Nuair a leagadh tu ’n làn-damh ann am fàsach ann glac,
Bhiodh a sgòrnan ga riasladh ann am beul do choin ghlais.

(XIV)
Bu tu nàmhaid a’ choilich ’s moch a ghoireas air chraobh,
Agus giomanach eala san fhaoilinn earrach ri gaoth:
Nuair a thàirneach tu ’n acfhainn bhiodh luaidhe Shas’nach ri taobh,
I gun chomas gun astar gu dol dachaigh thar caol.

(XV)
’S ann na laighe ’m Magh Comair tha ’n laoch bu shomalta dreach,
Dh’fhàs gu dìreach, deas, loinneil an taobh bha soilleir na bheachd,
Fear a sheasadh am pàirt nam biodh do chàirdean an glais;
Bu tu ’n cuireach neo-sgàthach gan toirt sàbhailte mach.

(XVI)
Ceist nam ban bhon tìr Abrach, bho Dhoch an Fhasaidh an fheòir,
Leitir Fhionnlaigh nam badan far an stadadh an slògh,
Bho thaobh Lòchaidh nam bradan ’s bho thaobh Loch Airceig nam bò,
Slàn ghaisgeach Chloinn Camshroin, laoch dam b’ ainm Dòmhnall Òg.

Le Iain Beag no Iain mac Sheumais Ruaidh Mac Dhòmhnuill (1876 gu 1964)

(So sgeul gharbh mu dà fhear Cloinn Camshron ann Loch Abar. Agas bha beirt fear leis ainm Dòmhnull ortha cuideachd. Bha Dòmhnall Beag agus bha Dòmhnall Mòr. Dh’ oibrich fear amhàin airson an diùc Gordanach, agas shiubhail fear amhàin no beirt fear gu Dhia Mór agas tha ‘n òran so mu tòrradh annsein. Bha sin mu bliadhna 1787 b’ fheudar. Fhuair an òran so chall san Seann Ghaidhealtachd, ach chaoidh e thairis nan tonn gu h-Albainn Nuadh, agas dh’ fhill e chugainn annso ‘s an àite sin.)


Agallamh eadar Iain Beag agas Iain MacAonghuis mu’n Òran so:

Iain MacAonghuis: Innsibh an eachdraidh an toiseach, ma-thà.
Iain Beag: An eachdraidh. ’S e bha seo bodach a bha gu h-àrd ann [Gleann Ruaidh] an Leac Ruaidh. Tha sin trì mìle deug à Drochaid Ruaidh an àird. Chaidh giùlan a h-uile car tha sin an giùlan…cha robh dòigh eile ach a’ giùlan ach cha robh carabaidean ann mar a tha e ann an-diugh. ’S thog iad a-nuas e agus chaidh e seachad air Bealach nan Cisteachan mar a their iad. Tha sin mar a…staigh àite mar an abair iad Achadh a’ Mhadaidh an àird agus thig sibh a-staigh Gleann Fionntaig agus seachad air an eas ris an abair iad Eas Earlain. Agus a-staigh an sin agus an Rathad Mòr nan Corp gus an tig sibh a-staigh do Gheàrr Lòchaidh shìos ann an seo [ann an] anns a’ chladh ris an abair iad Achadh nan Aibhneachan. Thog iad a h-uile car tha sin an duine. Agus bha na rùnaire aig…chan eil fhios a’m cuine bha an aimsir aige gus nach robh…ach bha e na rùnaire aig Diùc Gòrdain. Bha.

Iain MacAonghuis: Ò, seadh, c’ aimn a bh’ air an duine a bha seo?
Iain Beag: Bha Dòmhnall Camshron…Dòmhnall Mòr Òg. Bha dà Dhòmhnall san teaghlach: Dòmhnall Mòr Beag agus Dòmhnall Mòr Òg agus ’s e Dòmhnall Mòr Òg…tha mi creids’ gun robh fichead clach de chuideam ann. Duine mòr, làidir, comasach a bh’ ann Dòmhnall Mòr Òg.

Iain MacAonghuis: Agus cuine a chaochail e a-niste?
Iain Beag: Chaochail…tha mi a’ smaoineachdainn gun do chaochail mun bhliadhnaichean seachad ceud deug agus cheithir fichead is [a h-ochd] seachd. Agus chaidh marbhrann a dhèanadh dhà:
Iain MacAonghuis: Seadh, seadh. Agus rinneadh marbhrann dha.
Iain Beag: Chaidh marbhrann a dhèanadh dha.
Iain MacAonghuis: A bheil e agaibh?
Iain Beag: Tha, a h-uile facal dheth.
Iain MacAonghuis: Siuthadaibh, ma-tà. Gabhaibh e.

Iain MacAonghuis: Glè mhath, gu dearbha. Agus cò rinn an t-òran?
Iain Beag: Chan urrainn mi ag ràdh riut. Cha chuala mi riamh cò rinn an t-òran agus cha mhotha a chuala mi an t-òran aig an duine san dùthaich-sa riamh ach aig m’ athair is aig mo mhàthair ri taobh an teine.

Iain MacAonghuis: Seadh – bha e aig an dithist aca.
Iain Beag: Bha e aig an dithist aca. Agus ’s ann mar sin a chuala mi e. Agus cha chuala mi an t-òran sin riamh aig aon duine ach aon fhear a thachair orm. Dòmhnall Camshron a theireadh iad agus thuirt e rium:

“An cuala tu riamh an t-òran aig Dòmhnall Mòr Òg?” thuirt e.
“Chuala mi pìosan dheth,” thuirt mi.
Agus ghabh e e. Agus cha robh aige ach ochd cheàrnan dheth. Agus thuirt e, “nach eil e uamhasach nach eil an t-òran sin aig an duine an Loch Abar,” thuirt e, thuirt am fear seo, “agus gun d’thàinig sin a-null à Nobhia Scotia (Albainn Nuadh).”
“Tha mi a’ gabhail iongantas uamhasach,” thuirt mi fhèi’, “nach eil an uil’ ann, chan eil an t-òran sin uile.”
“Ò! tha,” thuirt e.
“Chan eil,” thuirt mi.
Agus ghabh mi a’ chuid eile dhan òran dhà.

Iain MacAonghuis: Glè mhath.
Iain Beag: A bheil thu tuigsinn?
Iain MacAonghuis: Seadh, seadh.

Iain Beag: “Bhell,” thuirt e, “chan eil math sam bith a bhith giùlan an fhear ud,” thuirt e. Agus thilg e am pàipeir thar an Drochaid Aonachain!
Iain MacAonghuis: Agus ’s ann à Nobha Scotia (Albainn Nuadh) a bha an duine sin?

Iain Beag: ’S ann an Nobhia Scotia a fhuair an duine seo na forfhais air an òran.
Iain MacAonghuis: Seadh. Agus am beò an duine sin, Dòmhnall Camshron?
Iain Beag: Beò.
Iain MacAonghuis: Cà bheil e a’ fuireach?
Iain Beag: Tha e a’ fuireach shìos as a’ bhaile ùr, [ann an] anns a’ Chaol. Dòmhnall Camshron. Deig Camshron a theireadh iad ris, Deig. Siud a thuirt e. Thilg e thar air Drocaid Aonachain e. ’S e òran fada a tha sin.
Iain MacAonghuis: Òran math a tha sin.