Cèilidhean ann an Diùra

Caluim Iain: Agus nuair a bha sibhse nar balach bha e na chleachadh an seo ann Diùra a bhiodh a’ tighinn gu cèilidh air an oidhche?
Gilleasbug MacEachairne: Bha, bha. Bha seann duine ann ris an abrar iad Uilleam Caimbeul agus bha naidheachd aige ris an abrar iad ‘Ridire nan Spleadh’ agus ghabhadh i fad oidhche geamhraich ga innseadh, ceithir no còig uairean uair an uaireadair.

Caluim Iain: Seadh, seadh. Agus a bheil cuimhn’ cò mu dheidhinn a bha i?
Gilleasbug MacEachairne: Bhell, cha…cha…cha chuala mise mi fhèi’ an naidheachd seo air h-innseadh riamh ach chuala mi ag innseadh pìosan dhi. Bha ag innseadh far an robh tuathanach an sin theich às a’ Ghàidhealtachd agus às a’ cheann a thoirt don Ghalldachd a dh’fhaicinn fearann mòr a bha sin. Thòisich an tuathanach Galld’ a’ dol a leagail fhaicinn dha a’ bhathaich. Agus: “Nach anabarrach brèagha a’ bhathaich sin,” thuirt an tuathanach Galld’.
“Seadh,” thuirt esan, “ach chan eil e nì coltach ris a’ bhathaich a bh’ aig m’ athair-se. On a thòisich…thei…cò a lèithid moighneach a’ startadh anns a’ mhadainn agus mial-chù às a dèidh, cha bhiodh aig ceann eile a’ bhathaich air tighinn na h-oidhch’. Agus tha na mulanaich cho àrd agus gum piochd na…na coilich na reultan dhiubh.”

Caluim Iain: Seadh, dìreach. Seadh. ‘Ridire nan Spleadh’.
Gilleasbug MacEachairne: Sin agad ‘Ridire nan Spleadh’…
Caluim Iain: …Agus bha sibh ag ràdh gun robh daoine eile san eilean cho math aig an robh seann naidheachdan agus an t-uamhas de sheann òrain mar sin is gnothaichean.
Gilleasbug MacEachairne: Bha. Ò, bha a h-uile gin de na seann daoine. Bha. Bha iad fhèi’ a’ dèanadh òrain cuideachd.

Caluim Iain: Agus an robh duine air leth a bharrachd air n-athair a’ dèanamh òrain san eilean nur latha no roimhe bhur latha?
Gilleasbug MacEachairne: Bhell, chan…chan fhiosrach mi ceart aca gun robh.
Caluim Iain: Ach gu leòr aig na seann daoine.
Gilleasbug MacEachairne: Bha gu leòr, bha, bha.
Caluim Iain: Tha fhios gun do dh’fhalbh cuid bu mhotha dhe na òrain sin leotha?
Gilleasbug MacEachairne: Dh’fhalbh, dh’fhalbh. Chaill mòran aca nach robh dòigh aca air an sgrìobhadh ann.
Caluim Iain: Dìreach.
Gilleasbug MacEachairne: Och sin agad gu leòr.

(Th’ agallamh eadar Caluim Iain MacGilleathain agus Gilleasbug MacEachairne. Agus bha ‘n agallamh mu’n an cèilidhean ann air Diùra. Rugadh agus togadh Gilleasbug air Diùra.)