Mìcheal nan Aingeal

Mhìcheil nan Aingeal
Is nam fìrean am Flathas,
Cuir dìonadh air m’anam
Le faileas do sgéith;
Cuir dìonadh air m’anam
Air thalamh ‘s air Nèamh;

Bho nàimhdean air thalamh,
Bho nàimhdean fo thalamh,
Bho nàimhdean am falach
Comhn agus caimir
M’anam fo d’ sgéith,
O m’anam le faileas do sgéith!