Luinneag:
’S mo rùn air a’ ghille dhubh
’S mo luaidhich air a’ ghille dhubh,
’S mo ghaol air a’ ghille dhubh,
’S chan ann do d’ chinneadh tha mi.
(I)
’S taitneach leam an sgeula
Thàinig moch an-dè oirnn –
Tha Murchadh an Dùn Èideann
Is dh’òrduich m’ eudail bàl dhuinn.
(II)
’S e seo am bàl as docha leinn,
’S an t-Oighre fhèin a’ cosg oirnn;
’S chan eil gill’ òg no bodach
Nach òl toileach do dheoch-slàinte.
(III)
Gur fiùran anns an deisidhich thu,
’S i bualadh air bac-iosgaid ort.
Cò thèid an danns’ is deiseile
Na shiubhal chreag is mhàm riut?
(IV)
’S bu shunndach anns a’ chòmhlan sinn;
Bu ghleadrach, greadhnach, ceòlmhor sinn,
Às a’ Sgùrr bha ’n Còirneal ann
Is oighre Bhròlais làmh ris.
(V)
Bha mise agus Nic Lachainn ann,
’S bu mhath air na Damhsairean Tuath sinn;
Is fhuair mi ’n t-urram, ’s math leam siud,
O Mhaighstir Caimbeul Chàrsaig.
’S mo rùn air a’ ghille dhubh
’S mo luaidhich air a’ ghille dhubh,
’S mo ghaol air a’ ghille dhubh,
’S chan ann do d’ chinneadh tha mi.
Le Màiri na h-Uamha
(Sgrìobh Màiri na h-Uamha no Màiri na h-Uamhaidh dh’ fhear Loch Buidhe ’n t-òran seo ri chéile. Bha i ’s Ros Muile ‘gus bha Fíor Gàidheal i fhéin cuideachd. Rinn i bàrdachd an aghaidh nan tighearnan talamh agus nimhdean eile ‘gus rinn i dachaigh aice shuas san uamh san Ros Muile.)
Agallamh eadar Caluim Iain agus Dòmhnull Chaluim:
Caluim Iain: Dè ’n cinneadh a bh’ aig Màiri na h-Uamha?
Dòmhnull Chaluim: Cha chuala mi riamh…Thuirt Fear Loch Buidhe rithe: “Nach mise fear as fheàrr a chunna tu air Loch Buidhe riamh, a Mhàiri?”
Thuirt Màiri: “’S tu as miosa na chunna mi, ach ’s as fear de na chì mi.”
Caluim Iain: Dìreach, dìreach. Agus a bheil fad ann o bhiodh seo ann?
Dòmhnull Chaluim: Ò, tha linntean is linntean…Seallaibh an ùin’ o a thàinig an t-Siostaim Airgid nan Gaill a-staigh, on a chaidh an Siostaim Dhùthais a-mach à date…Màiri na h-Uamha, bha i fuireach ann an uamhaidh shuas an sin.
(Bha ’n chomhradh seo eadar Caluim Iain MacGilleathain (1915 gu 1960) agus Dòmhnull Chaluim Mac GilleMhoire (1885 gu 1986) agus bh’ iad ‘cainnt mu Màiri na h-Uamha ‘gus òrain san àite Ros Muile cuideachd.)