A’ Ghalla Ruadh agus a’ Mhoigheach

Beagan an dèighich do Rob a chrìochnaich mun each uabhasach a chunnaic e aig Tobar Allt Chaomhainn, chaidhich na cuspairean gu iomadh rud eile gus mu dheireadh gun tàinig iad gu coin. Coin a bha math air caoraich ’s coin a bha math air crodh ’s coin a bheireadh air moigheach no air fiadh no air rud sam bith. Agus ’s ann an sin a thog Rob a cheann a-rithist agus ors’ esan, “Dadaibh, a chlann,” ors’ esan, “bha galla ruadh agamsa agus cha do rugadh moigheach riamh anns an Ros Mhuileach no àite eile do Mhuile air nach beireadh i ann an ùine glè ghoirid. Dh’fholbh mi mach feasgar a bha siud ’s thug mi leam an speal, deireadh an fhoghair, bha am buntàt’ a-staigh ’s a h-uile dad ann am pollag, a h-uile buntàt’ ann am pollag. Dh’fholbh mi a dhol a gheàrradh roineag airson leapanan don chrodh ’s rudan mar sin, mar a tha fhios agaibh fhèin glè mhath. ’S bha a’ ghalla ruadh leam. Thòisich mi a’ spealadh na roineag ’s bha gu leòr ann dhi. Agus cha robh mi fada gus an do dh’èirich moigheach. Dh’fholbh a’ ghalla ruadh as a dèidh. Thuirt mi rium: “Bidhich moigheach agam airson mo bhiadh a-màireach.” Lean mi air an spealadh ach cha robh a’ ghalla a’ tighinn air ais mar bu chòir dhi, mar a b’ àbhaist dhi. Thog mi mo cheann an sin, agus chunna mi an dithist aca taobh na beinneadh, a’ ghalla mu dheich slatan as dèighich a’ mhoighich agus bha iad a’ tighinn mun cuairt, mun cuairt gus an robh iad a’ tighinn gu achadh an sin. Lean mo shùil iad agus chunnaic mi an sin a’ mhoigheach a’ tighinn air ais dìreach an t-àite a dh’fhàg i. Agus, mar a tha fhios agaibh, bidhich iad a’ dèanadh toll anns na gàrraidhichean a chum ’s gun rachadh na caoraich air ais ’s air aghaidhich gun a bhith brist’ nan gàrraidhichean. Agus rinn a’ mhoigheach dìreach air an toll ’s gun rachadh i bhuam, ’s e a rinn mi: thog mi an t-iarrann far an speal agus chuir mi tarsaing anns an toll seo e chum ’s gum buaileadh i…gum buaileadh a’ mhoigheach an t-iarann fodha sin i. Ach, ò, a chlann, thàinig a’ mhoigheach ach feumaidh gun do mhothaich i rudegin roimpe a chionn chaidhich fon iarrann, fhuair i seachad orm. Ach a’ ghalla bheag bhochd, ’s i beul fosgailte dìreach a’ dol a bhreith air. Chaidhich an speal agus roimpe…roimhe na beul cha do dh’fhàg e ach creacann…pìos beag den chreacann air cùl a cinn. Thug e claigeann dhi air fad ’s thuit i. Agus thòisich deòir a’ tighinn a-nuas air mo shùilean agus thog mi, ò, “mo ghaoil, mo ghaoil,” orsa mise, “nach do chaill mi thu mu dheireadh, chaill mi mo chù mu dheireadh, gun ach crìoman beag de chraiceann cùl a cinn a bha ceangailte ris a’ cheann aice. Ach, co-dhiù, tha thu rèidh a-nis, a thruaghain, agus chàirich mi an ceann agus cuid de chlagainn air a’ cheann eile agu snì mise sin agus tha thu rèidh. Faodaidh mi t’ fhàgail, tha fhios agaibh. Cha bu luaithe a bha na ’m pìos a thuit far a cinn na chuir mi air a’ cheann eile…air a’ phìos eile e, na leum i às mo làmhan agus a-mach a ghabh i agus rug i air a’ mhoigheach. Nis, creidibh sin no nach chreidibh sin, tha sin cho fìor ’s a tha mise nam shuidhe air a’ chathair seo ach dìreach mar a bha e roimhe ’s ann air foirm a bha Rob.

Le Dùghall Iain Nèill Dhùghaill MacCarmaig (1877 gu 1960)

(Chuir ‘s sgrìobh Dùghall Iain Nèill Dhùghail an t-òran seo ri chéile nuair a bha e ‘mach as a’ Ghaidhealtachd anns Astràilia. Dh’ fhàg e ‘mach as Fionn Port, Ros Muile, Muile thun gu h-Astràilia nuair a bh’ òige aige. Bha seoladair mhath mór agus bha captaen e san Sluagh na h-Astràilia cuideachd. As dheidh sin, chaidh e thun obair buachaill nan caorach ann san Astràilia gu brach air fad.)