Moladh an Eich Ghlais

(I)
Aig Aonghas mac Sheumais
Tha ’n steud-each ’s feàrr dealbh;
Gu ’m foghnadh e ’n t-sàr
Ann an Càrs a fhuair ainm.
Is bòidheach a ghluasad,
’S e cruadalach, calm’;
’S gur mise bha éibhinn
An dé leis air falbh.

(II)
’Na chom tha deadh nàdar
A’ tàmh, agus ciall;
Cha bhreab e, cha ghreim e,
Cha leum e le fiamh;
Cha teich e ma dh’ fhàgar
Na àrd-cheann an t-srian;
’S cha diùlt e an t-amull
A tharruing gu dian.

(III)
’N uair ’bhios e na mhaise
Gu bras anns an réis
Bidh tein’ as na clachan
Mu ’chasan a’ leum;
Bidh saibhlean a’ freagairt
Gu spreigeil d’a cheum,
Gu h-ealamh le farum
’Cur talaimh na dhéigh.

(IV)
Biodh Aonghas ’s an diollaid
’Us diar math na cheann
’S théid “Uilleam” cho luath
Ri gaoith chruaidh thar nam beann.—
A mhaighstir bidh éibhinn
Ag éiridh am fonn,
Gun eagal roimh thuill air
Gun suim aige ’n pholl.

(V)
Is ainneamh r’a fhaicinn
’S na bailtean a’s mò
Each réise cho cuimir
Ri “Uilleam” ’s gach dòigh.
Aig Landseer nam biodh e,
’S gach tìr ’s an Roinn-Eòrp’,
Bhiodh prìs air a dhealbh
’Us i ainmeil le còir.

(VI)
Bras tha e mar bha
Na h-eich àrd-cheannach threun’
A theich le fuaim anabarraich
Ghailbheich troimh ’n speur,
’Cur bheanntaichean casa
Nan lasair mar chéir
’S a sgealbadh deadh charbad
Mor dealrach na gréin’.

(VII)
’S math ’fhreagradh e’n eachraidh,
Cha ’n fhaicteadh na b’ fheàrr;
O, seall air ’s e ’gluasad
Gu buadhach do ’n bhlàr:
Mar bhogh’ anns na speuran
Tha threun-amhach àrd;
’S mar dhealanach ealamh
Tha shealladh gun bhàigh.

(VIII)
Mar chreig dhainginn àird
Tha uchd’ làn, leathan, mòr;
Mar thàirneanaich bheucaich
Tha séideadh a shròin’;
’S a mhuing fhada sgaoilte
’S na gaoithibh mar cheò
’S a’ mhaduinn a’ gluasad
Air uachdar an fheòir.

(IX)
’N uair ’bhios e troimh ’n bhaile
Gu h-arronta ’gluas’d
Bidh daoine ’s gach uinneig
Le sulas ’s le fuaim,
A moladh a bhriadhachd
A sgiamhachd ’s a luaiths:
’Se féin an teach ceutach
’Se ’ceumadh ’na uaill.

(X)
Leam b’ ait, ’us òg-ghruagach
Ri m’ ghuallainn ’s an t-sléigh,
’Bhi ’n déigh an eich uasail
’S e ’gluasad gu réidh
Troimh ghleann a bhiodh blà
Le coill’ àird nan dlù-gheug,
’S na cluig a’ cur sòlais
Am òg-chridh’ air leum.

(XI)
Ged bhiodh tu air thuras
Le “Uillleam” fad mhios’
Cha ’n fhaiceadh tu fallus
Le mhala ruith sios.
Na chom cha ’n ’eil galair,
Gu ’m b’ fhallain e riamh;
’S tha bhrògan cruaidh, làidir,
Gun fhàilinn, gun ghiamh.

(XII)
Fhad ’s a bhios grian air na speuraibh
No gealach ag éiridh ’s an oidhche,
No gaoth a séideadh ’s na h-àirdibh
Bidh cliù nan Gàidheal air chuimhne.

Le Alasdair mac Alasdair mhic Iain am Bhard Mac Gilleathan Mac an Ceàrdaich.

(Sgrìobh an òran so shìos sa bhliadhna 1862, agus tha e sin mu’n each ghlais math mhór agus bha Uilleam Ghlais an t-ainm a robh air. Bha ’n each fo Aonghus mac Sheumas Stiùbhart, agus sgrìobh am bhard an òran so do chur moladh thun am fear mar thug e ’n each thuige airson turas eadar Loch Abar gu Baile n-Óir (Baile Shearbruc) air Albainn Nuadh, agus fhuair an eich ghlais e ’nn gun mhall)