Luinneag.
Soraidh bhuam thar chuain air astar
Gu fir shuaicheanta nam breacan
’Chumadh suas gu buan an cleachdadh
Anns an reachd bu dual dhaibh.
(I)
’S iad na Gàidheil féin na gaisgich,
Na suinn chruadha, chuanta, sgairteil;
Bhiodh an t-’éile grinn ’s an gartan
Anns gach baiteal buadhach,
Soraidh bhuam, &c.
(II)
Ciod i ’n tìr anns an Roinn-Eòrpa
Nach do chiosnaich feachd na Ròimhe
Ach sliochd dìleas Chaledonia
Chum an còir le ’n cruadal?
(III)
’S ged bha Lochlanaich nam feachdaibh
’G iarraidh an dùthaich a chreachadh,
Thill iad na dh ’ fhan beò dhiubh dhachaidh
Sia no seachd de dh’ uairean.
(IV)
’S ged bu dianmhor gaisgich Shasuinn
’S lionmhor sliabh ’s an deach an sgapadh;
Riamh bho dheuchainn Allt-nam-Breacag
Sheachainn iad na Tuathaich.
(V)
’S lionmhor sluagh dha ’n tug iad greadan,
Ach co chuala riamh mu ’n eagal!
Na fir uaibhreach ’théid gu beadradh
’Cluinntinn fead na luaidhe.
(VI)
’N uair a dh’ éireadh meamna nan spiorad
Bhiodh na garbh-bhuillich gun ghiorag
Mar choin gharg an sealg a’ mhillidh
Ann am mire an fhuathais.
(VII)
Bonn cha tais iad ri uchd stàilinn
Dol a chasgairt leis na claidhean;
Beothail ladurn’ agus làidir,
Builleach, sàitheach, ruaineach.
(VIII)
’S ged bu bheag orr’ aon uair Deòrsa
’S iad gun chaoimh aca r’a sheòrsa,
Nise bho na fhuair e ’n eòlas
’S iad a chòta cruadhach.
(IX)
B’ eòlach Bonipart ’s na Frangaich
Air an spealtaireachd ’s na campan;
’S tric a rinn iad ’àrach fann
’S a dh’ fhàg iad gann de shluagh e.
(X)
Cha robh streup ’s an robh chuid armailt’
Eadar an Eiphit is a’ Ghearmailt
Nach robh lodhainn treun na h-Alba
Le ’n cuid calg ’ga bhualadh.
(XI)
’N Bhàtarlugh bha ’n tùrn ro-shoilleir,
Fhuair iad cliù bho ’n Diùchd mar thoilleadh;
Choisinn iad gach cùis mu dheireadh
’S luchd na foille fhuadach.
(XII)
Nise cha ’n ’eil ceàrn ’s an t-saoghal
’S nach h-’eil meas orra mar dhaoine;
’S balla làidir do ’n luchd-gaoil iad,
’S aognaicht’ le ’n luchd-fuath’ iad.
(XIII)
’S ged tha mise ’n dràst an taobh so
Tha’n teud nàdarra na dùsgadh;
Dh’ òlainn ’ur slàinte le dùrachd
Ged b’ e bùrn an fhuarain.
Le Iain mac Eóin Mac GilleBhràth no Iain am Pìobaire no Iain am Pìobaire Mór (1792 gu 1862)
(Sgrìobh Iain am Pìobaire ’n òran so shìos nuair a dh’ fhàg e’muigh as Mùideart ann Albainn san Sean Ghaidhealtachd eadar 1822 no 1860 b’fheudar. Sgrìobh e ’n òran so do chuimhneadh nan saighdearan Gàidheal san armuiltean ’s sluaghan thairis nan Eòraip re linn gach-aon cogadh ann san Eòraip agus thairis nan domhan cuideachd. ‘S dhaoine dhearmad linn fhéin san chogaidhean gun teagamh, agus sgrìobh e so do chur rudan thun ceart a rithist)