Òran an Oidhche do chuireadh gu Bàs e

(I)
Is truagh, a rìgh, mo nighean donn
Nach robh mi thall am Muile leat
Far ’m faighinn iasg is sithean fhiadh,
’S a chiall, cha bhiodh oirnn uireasbhuidh.

(II)
Far ’m faighinn iasg is sithean fhiadh,
’S a chiall cha bhiodh oirnn uireasbhuidh,
Gu ’m marbhainn breac air linne chas
’S nach deanadh casan grunnachadh.

(III)
Gu ’m marbhainn breac air linne chas
’S nach deanadh casan grunnachadh;
’S an coileach dubh air luth a sgéith,
Mu ’n téid ’n a éideadh iomadh fear.

(IV)
’S an coileach dubh air luth a sgéith,
Mu ’n téid ’n a éideadh iomadh fear.
’S an earba bheag am bun nam preas
Ge deas a chi ’s a chluinneas i.

(V)
’S an earba bheag am bun nam preas,
Ge deas a chi ’s a chluinneas i.—
Ochóin, a Dhia, cum rium mo chiall,
Cha robh mi riamh cho cunnartach.

(VI)
Ochóin, a Dhia, cum rium mo chiall,
Cha robh mi riabh cho cunnartach:
Chuir iad mi ann an leaba làir,
’S an seòmar àrd cha chuir iad mi.

(VII)
Chuir iad mi ann an leaba làir,
’S an seòmar àrd cha chuir iad mi:
Bidh mi ’màireach air cnoc gun cheann,
’S cha bhi mo chàirdean furachail.

(VIII)
Bidh mi ’màireach air cnòc gun cheann,
’S cha bhi mo chàirdean furachail.
A Rìgh nan Gràs tog m’ anam suas
Gu bheil an uaigh ga cumadh rium!

(IX)
A Righ nan Gràs tog m’ anam suas
Gu bheil an uaigh ga cumadh rium.—
’S mòr b’ anns a crònanaich nam fiadh
Na Donnachadh Liath le dhrumaireachd.

(X)
’S mòr b’ anns a crònanaich nam fiadh
Na Donnachadh Liath le dhrumaireachd;
A sios ’s a suas bho shràid gu sràid
Le bhalgan fàs ’s dà bhioran aig’.

Le Dòmhnull Donn, Mac Fhir Bhoth-Fhiunntain.

(Sgrìobh Dòmhnull Donn an t-òran so mu’n an oidhche do chuireadh gu bàs e. Agus tha creidinn air daoin’ eile a sgrìobh e ‘n t-òran so nuair a bha ‘luigh e air do leapa bhàs cuideachd. Bha Dòmhnull Donn na dhuine briadha, na bhàrd math, ’s na chreachadair ainmeil. Mharbh e mac Iain Luim ann an còmhraig-deise. Bha meas aig air nighinn Thighearna Ghrannda, agus bh’ ise toileach a phòsadh. Ghlac a càirdean e le foill agus chuir iad gu bàs e. Bha Fíor Gàidheal e fhéin nuair a bha beò aige.)

(Fhuair an òran so chall mu’n àite Loch Abar, agus san Albainn agus an Seann Ghaidhealtachd cuideachd. Ach dh’ fhill sin chugainn air ais a-rithisd mar chaoidh sin thairis nan tonn a-mach as Loch Abar gu h-Antaganais san Albainn Nuadh.)