Òran an Oidhche do chuireadh gu bàs e

(I)
Is truagh, a rìgh, mo nighean donn
Nach robh mi thall am Muile leat
Far ’m faighinn iasg is sithean fhiadh,
’S a chiall, cha bhiodh oirnn uireasbhuidh.

(II)
Far ’m faighinn iasg is sithean fhiadh,
’S a chiall cha bhiodh oirnn uireasbhuidh,
Gu ’m marbhainn breac air linne chas
’S nach deanadh casan grunnachadh.

(III)
Gu ’m marbhainn breac air linne chas
’S nach deanadh casan grunnachadh;
’S an coileach dubh air luth a sgéith,
Mu ’n téid ’n a éideadh iomadh fear.

(IV)
’S an coileach dubh air luth a sgéith,
Mu ’n téid ’n a éideadh iomadh fear.
’S an earba bheag am bun nam preas
Ge deas a chi ’s a chluinneas i.

(V)
’S an earba bheag am bun nam preas,
Ge deas a chi ’s a chluinneas i.—
Ochóin, a Dhia, cum rium mo chiall,
Cha robh mi riamh cho cunnartach.

(VI)
Ochóin, a Dhia, cum rium mo chiall,
Cha robh mi riabh cho cunnartach:
Chuir iad mi ann an leaba làir,
’S an seòmar àrd cha chuir iad mi.

(VII)
Chuir iad mi ann an leaba làir,
’S an seòmar àrd cha chuir iad mi:
Bidh mi ’màireach air cnoc gun cheann,
’S cha bhi mo chàirdean furachail.

(VIII)
Bidh mi ’màireach air cnòc gun cheann,
’S cha bhi mo chàirdean furachail.
A Rìgh nan Gràs tog m’ anam suas
Gu bheil an uaigh ga cumadh rium!

(IX)
A Righ nan Gràs tog m’ anam suas
Gu bheil an uaigh ga cumadh rium.—
’S mòr b’ anns a crònanaich nam fiadh
Na Donnachadh Liath le dhrumaireachd.

(X)
’S mòr b’ anns a crònanaich nam fiadh
Na Donnachadh Liath le dhrumaireachd;
A sios ’s a suas bho shràid gu sràid
Le bhalgan fàs ’s dà bhioran aig’.

(XI)
Mìle mallachd do ’n òl;
’S mairg a dheanadh dheth pòit;
’S e mo mhealladh gu mòr a fhuair mi.

Le Dòmhnull Donn, Mac Fhir Bhoth-Fhiuinntain.

(Sgrìobh Dòmhnull Donn an òran so shìos nuair a thàinig creid aige bha e ri thaobh bàs. Agus bha Fíor Gàidheal e fhéin gun teagamh. Thàinig an òran so ‘mach ‘s a-muigh as Loch Abar ach fhuair e chall ann airson bliadhna fhada, ‘gus chaoidh e sin thairis nan tonn gu muinntear nan Gàidheal ann san Albainn Nuadh, san Dhùthaich nan Craobh. Tha ‘n òran mu’n oidhche deireadh aig Dòmhnull Donn san domhan so, ‘gus sgrìobh e so shìos air an oidhche sin gun teagamh.)