Òran Ghaoil nan Comhaireachd

Luinneag:
Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(I)
Latha dhomh ’s mi siubhal bheann,
’Falbh gu teann eadar chreagaibh,
Thachair orm a’ chruinneag dhonn,
’M bun nan tom ’buain nan dearcag.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(II)
O nam bithinn-s’ air an fhéill
’S e do bhréid thigeadh dhachaidh,
Agus ribein maiseach, ùr
Ged bhiodh crùn air an t-slait dheth.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(III)
Ged is greannach leat mo cheann
’S ged is cam leat mo chasan,
Thogainn creach bho Thighearna Ghrannd
’S dh’ òlainn dram ’s an dol seachad.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(IV)
Théid mi sios ’us théid mi suas,
Bheir mi ruaig do Loch Abar;
’S ged bhiodh Rothaich air a chal
Bheirinn pàirt de ’n chrodh bhreac bhuap’.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(V)
Dheanainn banais a bhiodh mòr
Air ’m biodh geòidh agus cearcan;
Bheirinn féidh dhuit as na glinn
Agus minn as na creagan.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(VI)
B’ fheàrr leam féin na mìle bò,
’S na tha dh’ òr aig Righ Shasuinn,
Gu ’m bith’nn féin ’sa’ chruinneag dhonn
’M bun nan tom ’buain nan dearcag.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(VII)
’S tu mac-samhuil na gil-ghréin’
Moch ag éiridh ’s a’ mhaduinn;
Nam bu leam-s’ thu ann an còir
Gu ’m bu shòlasach m’ aigne.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(VIII)
Mar an t-sirist tha do ghruaidh,
’S tha mo luaidh air do phearsa;
Dh’ fhàs do chuailean buidhe-dhonn
Feadh nan tom ’buain nan dearcag.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(IX)
’S iongantach leam duine còir
’S mòran stòrais bhi aige
Nach d’ chuir Beurla ann ad cheann
Agus danns’ ann ad chasan.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

(X)
Latha dhomh ’s mi ’siubhal fraoich
Fhuair mi ’n fhaodail bha taitneach,
Nighean donn na mala caoil
Air a taobh ’buain nan dearcag.

Thogainn fonn gun bhi trom
Air nighinn duinn a bha ’n Cat-Thaobh:
Ghruagach Òg a’ chùil duinn
Dh’ éireadh sunnd orm ri d’ fhaicinn.

Le Dòmhnull Donn, Mac Fhir Bhoth-Fhiunntain.

(‘S an òran seo mu ‘cur chomhaireachd an aghaidh cànan nan Gaill agus an aghaidh nan sluagh Ghall an deadhaidh Latha Cùil Lodair – 16mh Giblean 1746 – agus mu’n aimsear Cogaidh nan Comhaireachd eadar 1746 gu 1760 air aghaidh gu 1788, agus tha e seo mu’n comhaireachd an aghaidh nan tighearnan talamh agus an aghaidh nan Fuadaichean cuideachd ri chéile. Fhuair rudan an-deacaidh mu Loch Abar an deadhaidh Cùil Lodair, ach chuir na Fíor Gàidheil comhaireachd an-mhor agus an-làidir fo cheanntar airson bliadhna fhada ’n deadhaidh 1746 agus an deadhaidh 1750an air aghaidh.)

(Thàinig an òran a-mach as Loch Abar o dhùthas. Agus fhuair e chall a-mach as a’ Seann Ghaidhealtachd airson bliadhna fhada. Ach dh’ fhill sin chugainn muinntear Gàidhealach air ais a-rithisd san bhliadhna 1877, agus bha sin mar Iain mac Ghilleasbuig mhic Aonghais mhic Alastair Mhòir mhic Aonghais Mhòir mhic Alastair mhic Iain Duibh mhic ’Ic Raonuill na Ceapaich. Bha Dòmhnull Donn agus Alasdair Mór bràthairean ri chéile. Agus dh’ fhill an òran so chugainn san Antaganais san Albainn Nuadh san Dhùthaich nan Craobh. Dh’ fhill an òran so chugainn air Latha Bliadhan Ùire 1877 ann san Antaganais, Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh.)