Òran an t-Saighdeir – Latha Dhomh ’s Mi Sràidearachd

Sèisd:
’S hill ò, thug òroinn ò,
Hì rì hò rò, mo fhèideadh,
Hì rì hill ò, thug òroinn ò.

(I)
Latha dhomh ’s mi sràidearachd
Àrd os cionn Dhùn Èideann,
Gun do thachair orm saighdear
Is gun d’fhoighneachd e mo sgeula.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(II)
Thachair orm saighdear
Is gun d’fhoighneachd e mo sgeula,
’S thuirt e rium…Dh’fhoighneachd e gun liostaiginn
Gun do sheas treis ’s gun do dh’èisd mi.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(III)
Thachair mi…Dh’fhoighneachd e gun liostaiginn
Gun do sheas treis ’s gun do dh’èisd mi,
’S thuirt e rium sa Ghàilig rium
’S e a’ chiùird as fheàrr on ghrèin i.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(IV)
’S thuirt e rium sa Ghàilig rium
’S e a’ chiùird as fheàrr on ghrèin i,
O gheibh thu òr is airgead
’S cota dearg mar fhèideadh.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(V)
Gheibh thu òr is airgead
’S cota dearg mar fhèideadh,
Sin an tug e dhan taigh-òsda mi
Bhon tug mi seòrsa gèill dha.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(VI)
Thug mi dhan taigh-òsda mi
Bhon tug mi seòrsa gèill dha,
’S gun tug e dhomh ri ghiùlan
Tè ghlas na sguir mo lèine dhomh.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(VII)
Thug e dhomh ri giùlan,
Tè ghlas na sguir mo lèine dhomh,
’S gun tugainn còig punnd Shasannach
Do fhear a dhèanadh feum dhi.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(VIII)
’S gun tugainn còig punnd Shasannach
Do fhear a dhèanadh feum dhi,
’S a ghiùlainn e leis dhachaigh i
Gu caisteal mòr Dhùn Èideann.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(IX)
Ghiùlainn e leis dhachaigh i
Gu caisteal mòr Dhùn Èideann,
Is gum bi i treis an còmhnaidh ann
Mum feòraichinn ma deidhinn.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(X)
Dh’fhalaich e aig a’ chòirneal leis
Cha tug e fòrladh fhèin dhomh,
Na do leig e dhachaigh mi
’S mo ghealla gu bhith breugach.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(XI)
Cha do leig e dhachaigh mi
’S mo ghealla gu bhith breugach,
Na h-ìngheagan a’ pòsadh
’S gun chòir agam air tè dhiubh.

’S hill ò, thug òroinn ò.

(XII)
Na h-ìngheagan a’ pòsadh
’S gun chòir agam air tè dhiubh,
An t-airgead na mo phoca agam
’S an t-òr nan tigeadh e feum dhomh.

’S hill ò, thug òroinn ò.

Le Alasdair mac Iain Bhàin Grannd.

(‘S òran seo mu na Gàidheil ’sabaid san arm no sluagh nan Ghaill, agus chaidh e chun arm nan Gaill / Sasuinn mu bliadhna 1790, agus cha robh e toilichte nuair a chaidh agus dheun e sin. Bha saoghal cruadh ’s gharbh aige nuair a chaidh e thairs nan tonn agus thairs nan domhan do shabaid an aghaidh gach aon duine nuair a chuir iad comhaireachd an aghaidh Sasuinn. Bha do chroidhe leis na daoine Comhaireachd ri linn gach aon cogadh, agus sgrìobh e ’n t-òran seo ri chéile do chur stad chun na Gàidheil òige ‘cuir le chéile leis nan Gaill. ‘S òran comhaireachd agus ’s òran an aghaidh impireachd seo cuideachd.)