Òran an t-Seathaich

Òran an t-Saighdeir

(I)
Na ‘m biodh duine na m’ choir
A dh-eisdeadh ri m’ ghloir,
Cha’n ‘eil mo cheann sgeoil
Gun reusan;
Tha m’ aigne cho mor
Air a lionadh le bron,
‘S cha’n ‘eil mi an doigh
Ach eigneach
Ged nach eil mi ach og
‘S beag m’ aighir ri ceol
Rinn an t-ardan ‘sa’ phrois
Mo threigsinn;
‘Dhol do ‘n arm le mo dheoin –
‘S mi chaidh iomral ‘sa’ cheo,
‘Se mo bhargan nach d’ chord
Na dheigh rium!

(II)
Fhir a shiubhlas mu thuath
Thoir an t-soiridh so bhuam
Far nach d’ fhag mi fear fuath
Na m’ dheigh ann;
Masa math leat bhi buan,
‘N uair a chluinneas tu ‘n duan
Thoir an aire – cum cluais –
A’s eisd rium:
Gur h-e lughad mo dhuais,
‘S an freiceadan cho cruaidh
Chuir m’ inntinn cho luath
Troimhe-chéile;
Thug e ‘n dreach dhe mo shnuadh
‘S dh’ fhag e tana mo ghruaidh,
‘S chaill mi trian de na fhuair
Mi ‘leursainn.

(III)
‘N uair a thoisich an t-ól,
‘Sa laimhsich mi ‘n t-ór
Bha moran mu’n bhórd
Ga m’ éisdeachd;
Bha danns’ ann – bha ceól –
‘Cur na bainnse air doigh,
‘S e mo chall-sa bha mór
‘Na dheigh sin.
Fhuair mi bann agus cóir,
Le gealltannas mór,
Air nighean Righ Deórs’ mar chéile;
‘S na ‘n creidinn an glóir
Cha b’ eagal ri m’ bheo
Dhomh an airgead, no ‘n ór,
No ‘n eideadh!

(IV)
‘S iomadh oidhche fhliuch, fhuar,
‘Bha mi marcachd a’ chuain
Bho na fhuair mi ‘n dath ruadh s’
Air m’ eideadh;
Thug mi turus da uair
Gu Righ Lochlainn nan cuach,
‘S ann d’a Rioghachd bu chruaidh
An sgeula;
Cha robh dad ‘san robh luach
Eadar luingeas a’s shluagh
Nach do ghlac sinn an cluain a chéile;
Chuir sinn gaiseadh ‘na Sguaib,
‘S chuir sinn áitreabh ‘na gual,
‘S thug sinn creach leinn le ruaig
Beum-sgeithe!

(V)
Ann am Portangail thall,
Cha b’e m’ fhortan a bh’ann,
‘N uair a nochd sinn co ‘n lann
Bu gheire
‘N uair a ghlac sinn ‘sa’ champ
Siol altrum na Fraing’,
Cha robh ‘n tuasaid ud mall
Mu’n d’ gheill iad
Luaidhe ghlas ‘dol na deann
Measg ghlac agus ghleann,
Gun aon fhacal comannd ga eisdeachd;
‘S lionar marcaich’ each seang
A bha ‘charcais gun cheann –
Caoin air ascaoin ‘se bh’ann
‘S cha réite.

(VI)
‘S iomadh glaic agus gleann
Eadar ‘Ghearmailt ‘san Fhraing,
Sasuinn – Alba gun taing –
Agus Éirinn
Far ‘n do leig mi mo cheann,
Sgath ghlac agus ghleann,
Far nach freagradh dhomh mall
‘Bhi ‘g éiridh;
Fuaim feadan thri bann –
Fear ga spreigeadh ‘sa’ champ,
Ged a’s beag a bha shannt
Orm eisdeachd;
B’ fhearr liom geum aig mart seang
‘Dol gu eadradh ‘sa’ ghleann
‘S bean ga leigeadh am faing
‘S a’ Cheitein.

(VII)
‘S iomadh fardach a’s frog
Anns do ghabh mi tra-noin,
Bho na fhuair mi chiad chot’
Agus léine;
Agus clár agus bórd
Air na charadh dhomh lon –
‘S tric a’ phaigh mi an t-ór
‘Na éirig –
Cha’n ‘eil cearn’ ‘san Roinn Eórp
Eadar traigh no tír-mór
Nach ‘eil larach mo bhroig
‘S mo cheum ann,
‘Siubhal fasaichean feoir
Agus ard-bheannan ceò
Cur mo naimhdean air fogar
Na ‘n eiginn!

(VIII)
‘S ged bha m’ fhuil anns na bláir
‘Cur mo naimhdean mu lar,
‘S ann a fhuair mi ‘n cruaidh chas
Na dheigh sin;
Gu’n robh uair mar a bha
Mu’n do chuireadh am blár;
Gu’n robh cuan de m’ fhuil bláth
Fo m’ léine;
Cha do shocraich mo shail
‘N uair a chuir iad mi ‘n Spáinnt –
Teas as fuachd ann am páirt
A chéile;
Mar ri sluagh air bheag báigh
Nach gabh truas ri fear cais
Ged a bhuail air am bás
Na ‘eiginn.

(IX)
‘S fhad’ o ‘n chuala tú chainnt
Mar a theirear ‘san rann:
Cha dean aireachas mall
Bonn feuma.
‘S mise dh’ fhainich ‘san ám
Chaidh mo tharruing ‘san rang
Nach robh cairdeas aig ceann
Ri ‘chéile;
Cha’n fhain’chear ‘san Fhraing
Co-dhiu ‘s Gaidheal no Gall
‘N uair a thig e le ‘pheann
Mar chleireach;
‘S ‘nuair a gheibh e ‘n comannd
Tha e coma dhe m’ chall;
‘S och tha mis’ air mo shnaim
Bho ‘n cheud lá!

Le Alasdair mac Iain Bán Grannd.

(Bha Alasdair mac Iain Bán as Gleann Moireasdan ó dhúthchais agus dh’fhill e gu dachaigh as dheidh Cogaidhean nan Sasuinn thairis nan Eóraip eadar 1793 gu 1815. Rugadh e sa Ghleann Moireasdan sa 1772 agus fhuair e chur a-staigh arm Shasuinn nuair a bha n-óig’ e fhé. Fhuair e ghortaich cuid mhór sa ga feachtas míleata bha e ‘nn. Sgríobh e ‘n t-òran seo sa Ghleann Gàraidh, Ontario, Dúthaich nan Craobh nuair a bha e ‘nn eadar 1812 gu 1814 no mu sin).