Òran Cainnt eadar an Duine ‘s a’ Ghobhar

Cainnt eadar an Duine ‘s a’ Ghobhar

(I)
Latha dhomh air thuras
Am Baile Mhuilinn aig Cloinn Domhnaill,
Dé b’ ioghnadh leam a chunna mi
Ach boc nan cluigean òmair;
Chuir mi fàilte ’s furan air
’S gun d’ fhiathaich mi le cuireadh e
’S gun òlainn botal cuide ris
Le sulas a’s taigh-òsda.

(II)
Dh’fharraid mi ’s a’ Ghàilig dheth
Có ás a thàinig bròinein?
Fhreagair e le gàire mi
“’S e sin is cànain dhomh-sa – [ a’ Ghobhar
Rugadh mi ’s a’ Ghàidhealtach
’S na monaidhean am b’ àbhaist duit
Bhith siubhal ’s gunna ’nad làimh agad
’S tu ’g iarraidh fàth air gòraig.”

(III)
“Saoil an tusa a chunna mi — [ an Duine
Bha fuireach am Beinn Éideann
’S do leannanan ’nan dusanan
Am Bruthach nan Clach Éiteag;
’S tric thug thu sgrìob gu h-urranta
Ri Sgurr na Cìch’ is udalan
Mu d’ mhuineal ’s ròp gun trusadh ort
’S cha chuireadh iad geall-réis riut.”

(IV)
“’S mi mac na goibhre luideagaich — [ a’ Ghobhar
A rugadh an Druim Chòsaidh;
B’ eòlach ann an Slat Bheinn mi
’S an Sgurr a’ Chlaidheimh còmhladh;
’S tric a bha mi spaisdireachd
Mu Choire Gorm nan Cathachan
’S bu dùthchas dhomh bho m’ athair
A bhith tathaich am Bràigh Mhórar.

(V)
“Cha ruig thu leas bhith ’g innseadh dhomh:
Mu d’ shinnsre tha mi eòlach;
Is fad bho’n tha còir sgrìobhte ac’
Air gach frìth tha ’n Caledòni;
Bho linn Rìgh Raibeart fhìrinnich
’Chuir iomadh blàr ’s cha strìochdadh e
Do mhuinntir Shasann, dìreach
Gus an d’ ìslich e fo ’bhròig iad.”

(VI)
“A-nise tha mi ’g aithneachadh
Gum bheil thu sean mion-eòlach
’S gur aithne dhut a h-uile àit’
An tuinicheadh mo sheòrsa;
Gun teagamh, bidh mi buidheach dhuit
’S thoir fiosrachadh do’n chuideachd air,
’S ged dh’òlamaid am buideal
’S beag is mutha oirnn ás ar pòc e.”

(VII)
“Ma tha thu ag iarraidh fiosrach’ — [ an Duine
Air do chinne, mar a bha iad,
Bheir mise dhut a chlisgeadh e
Mur dèan a’ mhisg ar tàladh –
Bha cuid dhiubh tàmh ’s a’ Sgicideadh
’S bha pàirt am Beinn an Sgritheil dhiubh
’M bràigh Chnòideirt bha na ficheadan
’S bu sgiobalt’ iad air fàire.

(VIII)
“Bha móran an Ceann t-Sàile dhiubh
’S gach àite bha mu’n cuairt da;
’S bha cunntas mór gun àireamh dhiubh
Air fàrsa Ghlinne Cuaiche;
Bu chridheil clann a’ gàireachd ann
Gu’n cumail cruinn, ’s na màthraichean
’S bu mhilis gruth is càise ann
Is bainne blàth gun truailleadh.

(IX)
“Bha gleadhraich mhór fo Shaod-Bheinn ac’
Bha Gearraich ’s Fraoch-Bheinn làn diubh;
’S bha Gleann Cinnidh saor aca
Gun dad a dhaorsainn màil orr’;
Bhiodh coin is gillean caonnagach
’Gan tional cruinn gu aon àite
’S bhiodh mnàthan òga saoithreachail
’Gam bleoghann taobh nan àthan.

(X)
“Bha ’n Coire Buidhe ’s gaol ac’ air
Is dh’fhaodadh iad bhith sealbhach;
Bha Coire Réidh ri thaobh aca
Gu aodannan nan Garbh-Chrìochan;
Bha uaireigin ’am shaoghal
Bha mi sunndach falbhach aotrom ann
Ag òl am bainne, ’s shaoileadh tu
Gum faodainn a bhith làidir.

(XI)
“Bha còir air Sgurr nan Ad aca
Gu Srath Cheann Locha Mórar
’S bha Eóghan Bàn orra
’S e tacanan ’nan óban;
Gleann Ìlidh ’s coire ’n taice ris
Bha Gleann a’ Chùil ’s an Stac aca
Gleann Taothadail fo fhasgadh dhaibh
’S a ghabhaltas ’nam póca.

(XII)
“Is chunnaic mi do sheanair
Ann am beannaibh Streap a’ Chomhlain;
Bha eòlas aige ’n Gabhail Bheinn
’S bha thadhal mu Loch Beòraig;
Bu mhiann leis a bhith ’s t-fhoghar ann
Le buidheann ghorm a thaghadh e
D’ an t-seòrsa cheann-ghlas adharcach
’S bu toigh leis bhith ’gam pògadh.

(XIII)
“Bha cairdean dha m’a choinneimh
An Creag Thonachain a chomhnaidh;
’S cha ghluaiseadh iad le gleadhar ás
Le gadhar no le comhstrith;
Iad fhéin ’s an àl gu loinneil ann
Bho linn gu linn a’ tadhal ann
’S cha tugadh feachd no faoghaid
Port na Craige dhiubh gu cròdhach.

(XIV)
“Bha cairdean daibh a’ tathaich
Am Bràigh Ghlastair ’s Cill Fhianain
’S bu lìonmhor iad le’n dachaigh ann:
Breac lachdann ballach stiallach;
Bha cuid bha donn is tarr-fhionn diubh
’S bha cuid diubh riabhach breac-thàirrneach
’S a’ chuid bhiodh fiadhach, ghlacamaid
’Gam fastadh air am fiasaig.

(XV)
“Bu leò Sgurr a’ Ghiubhsachain
’S bu lùthmhor iad ga dhìreadh
’S na fuarain bhrùchdach dlùth dha sin
Le biolair ùr bu mhìlse;
Meall Daimh ’na shruthain dhubh-ghorm,
Bhiodh daimh is aighean siubhlach ann
Is chunna mi le m’ shùilean
A bhith rùsgadh dhiubh nam bian ann.

(XVI)
“Bha pàirt an Sgurr an Uidheir dhiubh
’S an tuineadh Nead an Fhìrein;
Bha cuid an Coire Ghoc-bheinn diubh
Le’m bocaibh ’s le’n cuid mìsleach;
Sròin Dhiamhain air a stocadh
Sròin Chorra Bhuilg bu docha leo
A’ ruith nam bileag dosach
Bhiodh air sgorraichean nan stìopall.

(XVII)
“B’ aithne dhomh do shìn-seanair
’S cha strìochdadh e rìgh Deòrsa;
’S gum b’ acfhuinneach a dhìreadh e
Ri filleadh Sgurra Dhomhnaill;
Bha Sgurra na h-Inghinn sìnte ris
’S bha Gleann Mhic Phàil mar stìopan da
Gleann Dubh Choirean fo chìs aige
’S na mìlltean ann d’a sheòrsa.

(XVIII)
“Bha mac am Beanna Beaga dha
’S fear eile ’n Salachan Àrd dhiubh;
Is chunna mi, gun teagamh,
Bhith ’gan leigeil air a’ Mhànaisreadh,
Maighdeannan is fleasgaichean
’Gan cuallach thun an eadraidh ann;
’S i ’chainnt a b’ fheàrr a fhreagradh iad
’S ‘hug hug’ aca ’gan tàladh.

(XIX)
“Bha còir ac’ air na Cearcaill
Agus seachad Saor an Daobhaidh
Sloc Molach ’na choir’ altraim dhaibh
’S e fasgach air gach taobh dhiubh;
’S bu lìonmhor air a’ chreachann
Ann am Beinn na h-Uamha pailteas dhiubh;
Fear maol ’s an Eilean Daraich dhiubh
’S thug m’ athair ás air thaoid e.

(XX)
“Bha mac do’n fhear mhaol dhonn sin
Ann an Goirbheinn Glas an taobh sin;
’S bha ’m Bruthach Liath gun toirmeasg dha
’S dà thaobh an Tairbeirt daonnan;
Bha ’chrìochan farsaing falbhanach
Car-son nach biodh e mordhalach?
E siubhal ’s caitean colgar air
Mar shuirgheach stoirmeil aotrom.

(XXI)
“Cuid de’n t-seòrsa b’ urramaich
A’ tuineachadh ’s a’ Bhaodlaich
’S bha cuid dhiubh ’n Gleann Galmadail
Ged shearg iad leis na caoirich;
Bha pairt am Beinn na Beithrich dhiubh;
Cha robh Beinn Iaidean falamh dhiubh;
Dh’òl mise pàirt dhe’m bainne ann
’S dh’ith mi caisein an deagh laos-bhuic.

(XXII)
“Bha cuid d’an treud a b’ éibhinne
’m Beinn Réiseabol a’ tàmhachd
’S bha Camus Bhlàthann réidh aca
’S a’ choill gu léir ’na fàsaich;
Ach ’s mór a chuir e dh’éis orra
Bhith rùsgadh chrann le’n deudaichean
Ri gailleann nuair bhiodh feum orra,
’S bha ’n lagh ’nan déidh ’s gach àite.

(XXIII)
“Cha robh beinn no sléibhte
Nach robh géilleadh dhaibh an Albainn;
’S dh’ainmichinn na ceudan diubh
Ach bheir thu céill do m’ sheanchas;
Nise bhon a dh’éirich dhuinn
Gun ’thachair sinn ri chéile seo,
Bidh mise ’s tusa réidh-sgeulach
Ma théid thu fhéin air falbh leam.

(XXIV)
“Is mise ’m fear théid comhla riut — [ a’ Ghobhar
’S a tha ro dheònach falbh leat
Bhon chuir thu sìos air òran domh
Mar bha mo sheòrs’ an Albainn;
Mas ann an cath no’n comhrag e,
An spàinn na streup a sheòlas tu
Cha dealaich mi ri m’ bheò riut
Ach thoir dhomh mo bheòshlaint aimsreil.”

(XXV)
“Mhic na goibhre ’s urramaich — [ an Duine
A rugadh ’s an tìr bhòidhich,
Chan eil mi nis gun chuideachda
’S tu cuide rium an comhnaidh;
’S ann dh’fhàs mi aotrom iollagach
Bhon thréig a h-uile mulad mi,
Tha spiorad air tigh’nn thugam
A bha cuide rium ’am òige.

(XXVI)
“Nuair théid mi anns an leaba
’S e ’m boc tarr-fhionn bhios mi feòraich;
Gur taitneach leam thu ’n taice rium
Gu carthannach ’gad phògadh;
Tha Gréigis agus Laideann
Air am foghlam ann am pailteas leat
’S cha tréiginn air òr Shasann thu
Ged dh’aisigeadh iad dhomh-s’ e.

Le Alasdair Mac GilleMhaoil

Alasdair mac Eóghainn mhic Ghill-Easbuig mhic Domhnaill
Duinn Mac GilleMhaoil.

(Rinneadh an t-òran seo a leanas air do’n bhard a bhith àireamhbhliadhnaichean an coilltichean fiadhaich Aimearaga, gun bhoc no gobhar fhaicinn no gun mhór-dhùil ri am faicinn nis mó; gidheadh,thachair dha bhith cho sealbhach is gun d’fhuair e càraid dhiubh a cheannach bho dhuine uasal do Chloinn Domhnaill a fhuair greimair pàirt dhiubh, ainneamh is gun robh iad ri fhaotainn an Canadaig an àm sin. Air dha na gobhair a thoirt dhachaigh, rinn e an t-òran).

(Sgríobh Alasdair mac Eóghainn mhic Ghill-Easbuig mhic Domhnaill
Duinn Mac GilleMhaoil an dárn’ òran seo mu cainnt eadar an Duine ‘s a’ Ghobhar eadar 1802 gu 1853 gun teagamh nuair a bh’ e fhé sa Ghleann Gàraidh, Ontario Deas, Eilean Úir. Dh’éalaich e ‘muigh as nam Fuadaichean agus chaidh e gu h-Eilean Úir le saorsa cuideachd gun teagamh).