(I)
Thug mise gaol nach fàilinneach
Do rìbhinn na cuaich ’fàinneagaich;
Gur bòidheach, dualach àrbhuidh e,
Mar aiteal deàrrsaidh theud.
(II)
A ghruaidh a chruthaich nàdar dhuit
’S tuis ràtha ’s ragha dealbha sin,
’S gach aona bhuaidh mar-a b’ fheàrr a’ bh’ air
Diana-sa ’chaidh eug.
(III)
Gu maiseach, mìn-gheal, tàbhachdach
’S tu anns gach gné neo-àileasach,
Tha d’ aigneadh sèimh neo-àrdanach,
Gun fhàilinn ’tha fo ’n ghréin.
(IV)
Is sùgach an àm mànrain thu,
Is cùirteil thu mar b’ àbhaist dhuit,
Is math ’thig fàite ghàire dhuit
Bho chlàragaibh do bhéil.
(V)
Gur milse ’pòg na mealainean,
’S i ’s cinntich’ glòir gun amaideachd,
Bheir brìgh a beòil ’s a h-analach
Neach an-shocrach bho ’n eug.
(VI)
Air uchd nach crion r’a thaisbeanadh
Tha an dà chìch is tlachdmhoire,
Bhuin i gach cridh’ le ’taitneasaibh
Fo ghlasaibh aice féin.
(VII)
Is caoin fo ’gùn a seang-chorpan
’S i ’s maoile glùn ’us calpannan;
Troidh chuimir bheag gun gharachdalachd
Nach saltair garbh air feur.
(VIII)
Chaidh cliù na té s’ á Albainn bhuainn
Aig gloinnead bheus ’s aig leanabachd;
Cha d’ fhan e anns a Ghearmàilte
Gun dol gu dearbh do ’n Ghréig.
(IX)
B’ fheàrr gur mise ’bhuadhaicheadh
Fàil le ’n cuirte cruaidh-shnaim ort;
Cha b’fhear gun àdh ’s an uair sin mi,
’N uair bhuannaichinn thu féin.
(X)
Ach ’s cruaidh an càs ma ’s fuatharachd
Gheibh mi an àite truacantachd,
B’ fheàrr dhomh mar-a buannaich mi
A bhi ’s an uaigh á péin.
(XI)
Co chuala riamh no chunnaic e
Na fhuair ad nàdar tuinneachadh;
Gach uaisle tha ’m Babaidh NicLothaidh
Air cruinneachadh ’na cré.
(XII)
Ge b’ e do thoil-sa diùltadh rium,
Cha ’n onair dhomh bhi dioghaltach:
Mo shoraidh-sa gu dùrachdach
Do d’ bhroilleach cùbhraidh féin.
Le làmh Anndra Mac an Easbuig.
(Sgrìobh Anndra Mac an Easbuig an t-òran so mu ’n bliadhna 1698. ‘S òran ghaol e sin so, ‘ch fhuair i chall airson bliadhna fhada mar Cogaidhean Sasuinn an aghaidh nan Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd eadar 1475 gu 1788, ach eadar 1644 gu 1760 gu h-àiridhe. Thàinig sgrios-chinnidh an-fhuilteach air nam muinntir Gàidhealach air nan Eilein mar nan Gaill agus fhuair bàrdachd so chall ri linn an t-àm so gun teagamh. Ach dh’ fhill i sin gu beò sna 1820an no 1830an san cheanntar Cala Mór no Halafags, Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh. Rugadh Anndra Mac an Easbuig san Arra-Ghaidheal b’ fheudar, ach tógadh e air Muile.)