Òran do Triùir Daoine Bhàis

(I)
Gur a cràiteach an othail
Tha an dràst a tigh’nn fotham
Ann an damhair an fhoghair ’s na buana.

(II)
Gur-a tùrsach mi ’g éiridh
’S mi gun fhuran o m’ chéile,
’S cha ’n e ’cumha gu léir tha gam bhuaireadh.

(III)
Gur h-i ’n naigheachd so leugh mi
Tha gam chaitheadh fo m’ léine,
’S a chuir snaidheadh gu geur orm mu ’n cuairt dhomh.

(IV)
Dhòirt tonn orm mu mo mhullach
Dh’ fhàs ’na throm-bhuille muineil,
’S a dh’ fhàg lom mi gun lunnaich, gun suanach.

(V)
Cha b’ i lochdair an t-saoir
A rinn mo lot air gach taobh dhiom;
Ach a chros-tuagh bu daoire gu ’n d’ fhuaras.

(VI)
Bidh m’ fhear-fuatha ’sior-thàir orm,
’S gur beairt bhuan dha mo thàmailt
’S e a bagradh gu dàna mo bhualadh.

(VII)
’N àile chunnaic mi maduinn
Nach bu chunnarach cladaich
Do dh’ fhear eile ’bhi bagradh mo chluaise.

(VIII)
Fhad ’s bu bheò iad le chéile
Na ghabh fògradh le Seumas,
Na fir òga bu tréine ri ’m ’ghuallainn.

(IX)
B’ iad mo ghràdh na fir chridhe
’Bha dha ’n càirdean gun slighe,
’S nach robh tàireil air dlighe dhaoin’-uaisle.

(X)
Gu ’m bu tais ris na daimh sibh,
Gu ’m bu mhacant’ ri mnaoi sibh,
’S gu ’m bu sgaiteach le ’r naimhdean ’ur cruadal.

(XI)
Gu am b’ airidh luchd-theud sibh
Ann an a rgiod no ’n éideadh;
Is aois-dàna cha ’n euradh ‡ sibh duais dhaibh.

(XII)
’S mi craobh choimheach na coire
A bha roimhe so ’n coille,
’S cha bu doimhtheamh an doire as na ’bhuaineadh.

(XIII)
’S truagh duine mar tha mi
’Sìor-ghiùlan gach sàraich;
Mo chruas duilich, gun bhràthair gun ghual-fhear.

(XIV)
Ach ma rinn sibh bhuam imeachd
’S gun ’ur n-oighre ’n ’ur n-ionad,
’S e mo roinn-sa de ’n iomairt a’s cruaidhe.

Le làmh Anndra Mac an Easbuig.

(Bh’ Alasdair Mac Gilleathain saighdear dìleas ‘s an-mhath ri linn Bliadhna Sheumas eadar 1715 gu 1716. Bha e leis Rèisimind Mac Gill-Eathain san Blàr Sliabh an t-Siorraim air 13mh Samhuinn 1715. Chaochail e thairis nan tonn air Aigs la Chapell san Fhrainng, mar reith e ‘muigh as a’ Ghaidhealtachd as dheidh am bhristeamh nan Gàidheal a rithisd eadar 1716 gu 1721. Bha Caiptein Iain Mac Gilleathain saighdear dìleas an-mhath cuideachd, agus chaochail e thairis nan tonn ann san Réseirbheirts san Ollaind as dheidh Bliadhna Sheumas, agus bha móran truagh sin gun teagamh! Agus chaochail do bhean aca bàs cuideachd nuair a reith ead a-muigh as a’ Gháidhealtachd mar thàinig nan Gaill oirre le dìoghaltas ro-chruadh. Bha do bhean nighean gu h-Alasdair agus am bean chéile gu Iain agus chan eil fhios againn an t-ainm a robh oirre ‘gus ‘s móran truagh sin cuideachd.)

(Fhuair an t-òran so chall san Seann Ghàidhealtachd airson bliadhna fhada mar Cogaidhean nan Gaill an aghaidh nan Gàidheil agus a’ Ghàidhealtachd. Ach Dh’ fhill eadarlann air ais a rithisd san Cala Mór no Halafags air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh.)