Òran do Bharbara

(I)
Thug mise gaol nach fàilinneach
Do rìbhinn na cuaich ’fàinneagaich;
Gur bòidheach, dualach àrbhuidh e,
Mar aiteal deàrrsaidh theud.

(II)
A ghruaidh a chruthaich nàdar dhuit
’S tuis ràtha ’s ragha dealbha sin,
’S gach aona bhuaidh mar-a b’ fheàrr a’ bh’ air
Diana-sa ’chaoidh eug.

(III)
Gu maiseach, mìn-gheal, tàbhachdach
’S tu anns gach gné neo-àileasach,
Tha d’ aigneadh sèimh neo-àrdanach,
Gun fhàilinn ’tha fo ’n ghréin.

(IV)
Is sùgach an àm mànrain thu,
Is cùirteil thu mar b’ àbhaist dhuit,
Is math ’thig fàite ghàire dhuit
Bho chlàragaibh do bhéil.

(V)
Gur milse ’pòg na mealainean,
’S i ’s cinntich’ glòir gun amaideachd,
Bheir brìgh a beòil ’s a h-analach
Neach an-shocrach bho ’n eug.

(VI)
Air uchd nach crion r’a thaisbeanadh
Tha ’n dà chìch is tlachdmhoire,
Bhuin i gach cridh’ le ’taitneasaibh
Fo ghlasaibh aice féin.

(VII)
Is caoin fo ’gùn a seang-chorpan
’S i ’s maoile glùn ’us calpannan;
Troidh chuimir bheag gun gharachdalachd
Nach saltair garbh air feur.

(VIII)
Chaoidh cliù na té s’ á Albainn bhuainn
Aig gloinnead bheus ’s aig leanabachd;
Cha d’ fhan e anns a Ghearmailte
Gun dol gu dearbh do ’n Ghréig.

(IX)
B’ fheàrr gur mise ’bhuadhaicheadh
Fàil le ’n cuirte cruaidh-shnaim ort;
Cha b’ fhear gun àdh ’s an uair sin mi,
’N uair bhuannaichinn thu féin.

(X)
Ach ’s cruaidh an càs ma ’s fuatharachd
Gheibh mi an àite truacantachd,
B’ fheàrr dhomh mar-a buannaich mi
A bhi ’s an uaigh á péin.

(XI)
Co chuala riamh no chunnaic e
Na fhuair ad nàdar tuinneachadh;
Gach uaisle tha ’m Babaidh Fullarton
Air cruinneachadh ’na cré.

(XII)
Ge b’ e do thoil-sa diùltadh rium,
Cha ’n onair dhomh bhi dioghaltach:
Mo shoraidh-sa gu dùrachdach
Do d’ bhroilleach cùbhraidh féin.

Le làmh Anndra Mac-an-Easbuig.

(Sgrìobh Anndra Mac-an-Easbuig an t-òran so san Arra Gháidheal no air Muile b’ fheudar. Agus dheun e sin mu ‘ n bliadhna 1698. Sgrìobh e sin mar thuit e gaol do Barbara nighean an Easbuig MhicLothaidh no Fullarton ann san Arra Gháidheal, ach bha bochd mór e mar bha saighdear amháin e fhé, ‘gus sgrìobh e sin mar sin.)

(Fhuair an t-òran so chall airson bliadhna fhada mar Cogaidhean Gallda ’n aghaidh nan Gàidheil sa Seann Ghaidhealtachd idir 1475 gu 1788, ach idir 1644 gu 1760 gu h-àiridh. Thàinig an t-òran so chun nam muinntir Gàidhealach air ais a rithisd mu ’n 1820an no 1830an ann sa Cala Mór / Halafags, Albainn Nuadh air Dùthaich nan Craobh.)