Òran do Chailein Mac-Cnuimhein

(I)
Thoir mo shoraidh gu Fear-Ghrianail,
Fear flathail, foghainteach, fialaidh,
Iochdmhor, caoimhneil, dleas’nach, diadhaidh,
Ceanalta, ciatach, ro-spéiseil.

(II)
Duin’ uasal, urramach, cliùiteach,
Measail, cosgail, le deadh-ghiùlan,
Faighid’neach, aighearach, sunndach;—
Sonas leat ’s gach cùis mu ’n téid thu.

(III)
’N uair a shuidheadh tu ’s taigh-thàirne,
Cha ’n e ’m botal bochd a b’ àill leat,
Ach am buideal ’bhi ga thràghadh
Gus an cailleadh pairt an léirsinn.

(IV)
Bu bheag an t-ioghnadh leam fhin sud;
B’ ùr a’ choill ’s an d’rinn thu cinntinn,
Cha ’n fhaiceadhmaid innte crìonach:—
Measan grinn air bhàrr gach géige.

(V)
Gu ’n robh do chàirdean, a Chailein,
Urramach ’s gach taobh r’ an leanachd,
O Dhun-da-Ràmh ’s Loch nan Eala,
’S o Thùr Mhic Cailean nan Ceudan.

(VI)
’S math leam mar-a rinn thu chùis so,
An sgriob air ’n do leag thu do chùrsa;
Bhuannaich thu ’n déideag a’s cliùitiche;
’S gorm an t-sùil tha ’n gnùis na féile.

(VII)
Beul a’s grinne, deud a’s bòidhche,
Gruaidh a’s deirge na na ròsan;
’S gile ’cneas na ’n sneachd air mòintich;
’S taitneach anns gach dòigh a beusan.

(VIII)
Pearsa thlachdmhor ghasda chuimir
An deise shioda air a deadh-chumadh;
Cruinneachd nam baintighearnan uile,
’S tu gràine mullaich a cheutaidh.

Le Gilleasbuig Mac-Phail.

(Rugadh ‘s togadh Gilleasbuig air Tìr-Idhe, ‘ch sgrìobh e ‘n t-òran so mu ‘n Chailein Mac GilleNaomh no Chailein Mac Cnuimhein mar chaochail do bean-chéile aige ‘nnsin. Sgrìobh e ‘n òran so do chuimhne ‘m bean-chéile Chailein agus bha sin an-mhath. Chaochail Gilleasbuig sa bhliadhna 1830 b’ fheudar.)

(Thill an t-òran so chun nam muinntear Gàidheal air ais a rithisd ann san Cala Mór / Halafags air Albainn Nuadh mu bliadhna 1880.)