Òran do Dhòmhnull mac Eachuinn

(I)
Soraidh gu Breacachadh bhuam,
Gu baile nan stuadh àrda
Far a bheil ceannard an t-sluaigh
’Tha measail, buadhmhor, àdhmhor;
Gu mac gasda Eachuinn Ruaidh,
Guidheam-sa leis buaidh làraich;
Duine smachdail, reachdmhor, ciùin
A bhuidhinneadh cùis dhe ’nàmhaid.

(II)
Rinn mi diochuimhn ’s cha bu ghann i
’S teann nach bi i pàidhte;
Tha bràthair Iarla nan sròl
’N dràst ga fhògar as àite.
’Righ, gur h-iomadh sruthan mòr
Bha ’n òrdagh mu bhràghad;
Bha fuil dhìreach Mhic-Gilleathain ann
Eachuinn Òig ’s a bhràthar.

(III)
Chuir thu do long fhada dharaich
Le ’ballaibh air sàile
Le stiùir, le croinn, ’s le buill bheairte,
’S le acdraichean làidir.
C’ àite an robh coimeas do ’n iùbhraich
Gu stiùireadh air sàile?
Bha triùir phiobairean ’na toiseach
A steach gu port na tràghad.

(IV)
Dh’ fhalbh thu an coinnimh na cuideachd
Le furan ’s le fàilte;
Rug thu air làimh Mhic-Gilleathain
Le beatha ’s le slàinte.
Cha do shalaich iad an casan
’Tighinn a steach do d’ bhaghan;
’N uair a ràinig iad an caisteal,
Righ, bu tearc an t-àit’ e.

(V)
Gach ni ’smaointicheadh an cridhe
Bha ’tighinn gu saibhir,
Bu chùis-teirbheirt dha do ghillean
Bhi ’toirt dibhe air làraich;
’S ann an sud bha’n gean ’s an sòlas
’S ceòl a’ tigh’nn bho ’n chlàrsaich;
Coinnlean céire laiste ’n lainntear
’S òl air branndaidh Spàinnteach.

(VI)
Ge b’ e thàrladh ann ad rùm
Nach tugadh cliù dha d’ fhàrdaich
Bu neach gun eòlas air tùir e,
No air lùchairtean àrda.
’S ann ad sheòmraichean cùbhraidh
’Bhios an sunnd ’s an àbhachd;
Chit’ annt iomairt air an òr
Is òl air branndaidh làidir.

(VII)
Ge b’ e thalaicheadh air do bhuidleir
’S glutair e gun nàire;
Cha ’n ’eil e ’n Albainn no ’n Eirinn
Fear a’s ceutaich’ gnàthan.
Gach seòrsa fion’ tha na d’ thalla,
An stuth fallan bàigheil;
’S bheirear seachad e gun ghainne
’S na searragan làn dheth.

(VIII)
Gheibhteadh do bhannal a fuaigheal,
Do ghruagaichean àraid
Aig nighean Thormaid mhic Ruairidh
Dha ’m bu dualchas àrdan.
Bhiodh ac’ sunnd air deanamh léintean
’S tarruing gréis le snàthaid;
Iomairt air còtaichean tric ac’,
’S mise bh’ ann ’s an làthair.

(IX)
Gu ’m biodh na cùirteinnean dathte
Air na leapanan clàraidh;
Agus cluasagan ’g a réir sin,
’S gach ni dh’ fheumte làmh riu;
Bhiodh orr’ brailinnean is bratan,
Culaidh ’chadail shàmhaich,
Far am biodh blàths aig na h-uaislean,
Cha tig fuachd nan dàil annt.

(X)
A dheadh mhic Iain na féile,
’S làmh nach euradh dàimh thu;
’S tu làn de mhòralachd ’s de ghlioca
’S de ghibteanan saibhir.
Dhuit a bhuineadh a bhi cruadalach
’Thoirt buaidh ’s an àraich:
A righ gu ’m meal thu do stoileadh
’S do mhac oighre ad àite.

(XI)
A ghaoil, nan éireadh ort cruadal
Bhiodh leat uaislean àrda;
Do charaid, Morair Chlann-Dòmhnuill,
Bu deònach na d’ phàirt e
Dh’ éireadh Mac-Leòid á Dun-Bheagain
Gu seasamh do làraich,
’S gu ’n éireadh gu grad leat á Mùideart
Na fiùrain neo-sgàthach.

(XII)
Dh’ éireadh leat Colla bho ’n Cheapaich
Gu h-acfhuinneach làidir;
’S Mac-Dhòmhnuill Duibh á Loch-Abar
Le ’ghaisgichibh sàr-mhath.
Dh’ éireadh Mac-Ionmhuinn o ’n Chrëich;
’S bu treun anns a’ bhlàr e.—
Soraidh gu Breacachadh bhuam,
Gu baile nan stuadh àrda.

Le làmh leis Aigeannaich.

(Bha sgrìobhnair bean i fhé, ‘gus tha fhios againn sin mar bha sgrìobh i fo ‘n ainm Nighean Dhòmhnuill Ghuirm san àit’ eile. Bha ‘n òran so mu ‘n Dòmhnull mac Eachuinn Taoiseach no Triath Cholla, ‘gus sgrìobh i sin shìos nuair chaochail e ‘mach sa mhìos Céitein sa bhliadhna 1729. Bha 73 bliadhna dh’ aois aige ‘nnsin. Bha taoiseach mór na Clann Gilleathain é fhé ‘gus bha e leis Arm nan Gàidheal ri linn Cogadh na Dà Rìgh eadar 1689 gu 1694, agus ri linn Cogadh 1708 gu 1710 agus thàinig e ‘mach air ais a rithisd ri linn Bliadhna Sheumais eadar 1715 gu 1716 air aghaidh gu 1721. Thàinig e ‘mach ri linn Bliadhna Spàinnich cuideachd eadar 1719 gu 1726, agus dh’ fhill chun dachaidh mu ‘n 1728 cúpla mìos a chaochail e fhé.)

(Bha ‘n bàrdachd so chall airson bliadhna ro-fhada ‘mach as an t-Seann Ghàidhealtachd mar mìorun mór nan Goill agus mar Cogaidhean nan Goill an aghaidh nan Gàidheal gu h-àiridhe. Ach chaidh e sin thairis nan tonn gu Cala Mór / Halafags, Albainn Nuaidh san Dùthaich nan Craobh.)