Òran do dhuine-Uasal Chlann Ghriogair

(I)
An raoir bhruadair mi ’n aisling
’Bhi mu bhruachaibh mu leapa
Am fear mòr a bha ’n dreap air gu falbh,
An raoir bhruadair, &c.

(II)
Gur h-e ’n Griogarach gasda
Leis ’m bu mhiannach mar fhasan
A bhi ’g òl air fion daithte nan còrn.

(III)
Uisge-beatha na braiche
Bhiodh an cupaichean glasa;
’S chuirt’ á pioban tombaca leis ceò.

(IV)
Gu ’m bu taitneach leat agad
An àm éiridh ’s a’ mhaduinn
Sàr-ghiomanach dag air ghleus òir.

(V)
Leat bu mhiannach coin lùghmhor
’Dhol a shiubhal nan stùc-bheann
Leis a’ ghunna nach diùltadh roimh òrd.

(VI)
’S tu gu ’n loisgeadh am fùdar
Mach air uilinn nan stùc-bheann
Ris an eilid ’s ri ùdlaiche ’n lòin.

(VII)
Bhiodh gu làr an damh cabarach
A’s fiamhaiche ’chaidileas
’S a b’ fhiadhaiche ’chasadh a shròn.

(VIII)
Agus earbag an aonaich
Bu luath dhìreadh na fraochan;
Leat bu mhiannach, a ghaoil ’bhi, ga còir.

(IX)
’S car do Ghriogair òg ruadh thu,
’S b’e sin connspunn a’ chruadail;
Leat gu ’n éireadh Coir-Uanain bho ’n chrò.

(X)
Gur-a car thu Mhac-Cailein
’Us do ’n Iarla bha ’m Bealach
Gus an trialladh luchd-ealaidh gu leòir.

(XI)
’S car thu ’Dhòmhnull gorm Sléiteach
’S do dh’ Iarl’ Anntruim an Eirinn
Dha ’m bu dual a bhi treubhach ro-mhòr.

Esan ga freagairt.

(I)
Mo rùn Màiri Nic-Astair:
Caomh-shùil ghorm mar an dearcag
’Us gruaidh mhin-dheas chaoin dhaithte mar ròs.

(II)
Gur h-e trom-ghaol na h-ighinne
Dh’ fhàg lom-loisgte mo chridhe s’;—
Gur-a binne na ’n fhìodhull do ghlòir.

(III)
Cha leig mise do ’n bhuaile thu
Leis a’ chuman ’s le buaraich;
’S ann a bhios tu ri fuaigheal le d’ mheòir.

(IV)
’S ann a théid thu do ’n chlachan
Latha féille ’s an fhasan;
Gùn de ’n t-sìoda ort’ bhios gasda gu leòir.

Le Neo-ainmeil

(Fhuair an òran so shàbhàil le làmh Iain mac Ailean nuair a chaidh e thairis nan tonn gu h-Albainn Nuadh, agus chaidh e gu Cala Mór agus dh’ fhoghluim e mu’n òran so nuair a bha e san àite. ‘S òran gaoil so do dhuine-uasal Chlann Griogair. Ach bha iad a-muigh as an dhlighe airson cúpla chiad bhliadhn’ eadar 1563 gu 1775 agus air aghaidh gu 1952, mar chuir iad comhaireachd an aghaidh nan Caimbeullaich agus nan Goill eadar 1562 gu 1563. Dheun iad sin mar dh’ iarr Mac Cailein Mór an talamhan aca ‘gus thosaidh e cogamh fhada mhor an aghaidh na Griogaraich as dheidh a dh’ fhuair e cuidich as riaghaltas nan Goill san Dhùn Èideann.)