Òran do Dòmhnull Mac-Gilleathain

(I)
An tùs an t-samhraidh so ’bha
Dhuinn mar gheamhradh gun bhlàths
Chaoidh ar ceannard fo chlàraibh dùinte;
Ann an ciste nam bòrd
Air a sparradh le òrd
’S sinn ga seuladh le bròn dùbailt’.

(II)
Sliamh-an-t-Siorraim gun stà
Chòmhdaich sinne ’measg chàich
Le lan-togar gun sgàth, gun chùram.
Mar bu chubhaidh ’s bu dual
Bha thu ’n toiseach an t-sluaigh
’N déigh an t-òrdagh thoirt bhuait do d’mhuinntir.

(III)
Mar leòghann garg, guineach, mòr
Bha ’n treun curanta, òg,
Le lainn shòluis ’na dhòrn gu dioghailt.
’S math a thigeadh dhuit cleòc
Agus at a bhil’ òir;
Fear do choltais cha bheò mar timchioll.

(IV)
Do cheann-cinnidh ’s tu féin
Anns an iomairt gu treun
Bha ri milleadh air treud an diùca.
Cha robh gaisgich oirnn gann
’Bhualadh bhuillean gu teann;
’S cha bu bhochd leinn mar cheannard duinn thu.

(V)
A ghnùis sheirceil an àidh
Dha ’n robh freasdal do chàch,
Cha bu bheagan bu làn ad shùilean.
Ge b’e thogadh ort strì
Cha b’ i ’n obair gun bhrìgh
’Fhir bu togarrach sìth ’s nach diùltadh.

(VI)
’S ann an toiteal nan each
Bha do chosmhalas bras,
’Fhir gam buineadh a mhaise ùrla;
Ann an caithream nan arm
Bha thu farumach calm,
Cha bu shuarrachas d’ fhearg r’a dùsgadh.

(VII)
’N uair a thigeadh tu ’mach
Air do chois no air each
’Dhol ’an coinnimh ri luchd do dhiomba
Is a chaoch’leadh tu snuadh
Gu ’m b’ fhàth cùraim d’ an cluais;
An làmh a b’ iomadach buaidh ’s bu chliùiteach.

(VIII)
Och nan och a ta buan
’S ann a nis tha sinn truagh,
O’n là chunnaic sinn d’ uaigh ga bùrach;
’N darna h-oighre ’bha beò
De shliochd ceart Eachuinn Òig;
Creach nan creach thàinig oirnn ri aon uair.

(IX)
’S e bàs Caiptein nam buadh
A dh’ fhàg sinne ’n diugh truagh;
’S càirdeach Pàdruig ’s an uair so dhuinne;
Bàs an duine so ’dh’ fhalbh
A dh’ fhàg cuimir ar stoirm;
Fàth ar duilichinn soirbh ri ’dhùsgadh.

(X)
Fàth ar caoinidh tha goirt,
Cha chaoin-shuarach ar lot
Ach cneidh shic a ta goirt r’a giùlan;
Chaoidh a’ chuibhle mu ’n cuairt
A dh’ fhàg dubhach ar gruaidh,
Cha ’n ’eil éibhneas ’san uair so dhuinne.

(XI)
Thuit am flùran le beum,
Oirnne ’s soilleir an leus,
Ceann ar cinnidh cha ’n fheud e dùsgadh.
’Thi bha labharach àrd,
Bha thu mìn ’s bha thu garbh,
’Righ, bu smachdail do ghnàths ri d’ dhùthaich.

(XII)
Oirnne thàinig an fhras
A mhill snodhach ar slat
’Chunnacas roimhe so pailte ùrail.
Gur bochd mise air aon,
Cha lot drise ’ta ’m thaobh
Ach sàthadh biodaig le faobhar dùbailt’,

(XIII)
Gus ’n do ghearradh an cnaimh,
Thuit an smear as gu làr
Is léigh idir cha slànaich dhuinn e
Ach an léigh a ta shuas
D’an léir laigsinn an t-sluaigh
Is da ’n deanar ’san uaigh leinn lùbadh.

(XIV)
E-san ’dh’ amharc le h-iochd
Air a’ ghnothach ’ta brist
’S a bha roimhe fo mheas ’us cùram,
Ann an statalachd beachd
Gun aon fhàilin, gun airc,
’S cha d’ fhuair càch le an neart riamh puic dhinn.

(XV)
Oirnne thàinig i cas
Fhroiseadh snodhach ar slat
’N uair a shaoil sinn bhi pailte ùrail,
’Chraobh de ’n abhall a b’ àird’
Thuit a snodhach gu làr
Gus ’n do theirinn a blàth ’s a h-ùbhlan.

(XVI)
’S ann ’san innis fo lic
A ta ’n urra bha glic,
D’ an robh misneach, is meas o’n diùca;
Bha thu macanta blàth
Bha thu pailt ri d’ luchd-daimh,
’S bu mhòr smachdalachd gnàths do ghiùlain.

(XVII)
Thuit am fiùran bha treun,
Oirnne ’s soilleir an leus,
Ceann ar cinnidh cha ’n fheud e dùsgadh.
’S e an ciste nam bòrd
Air a dubhadh fo shròl;
Dh’ fhàg sud sinne fo bhròn ’gad ionndrainn.

Le Làmh Dòmhnull Bàn Mac Gilleathain am Muile.

(Sgrìobh Dòmhnull Bàn an òran so do chuimhneachan Dòmhnull an t-Saighdear Mac Gilleathain am Bhrolais. Thàinig e ‘mach do ‘n sabaid san Arm nan Gàidheal ri linn Bliadhna Sheumais idir 1715 gu 1716 air aghaidh gu 1721. Ach fhuair an òran so chall san Seann Ghaidhealtachd airson bliadhna fhada mar am Mìorun Mór nan Gaill, ach tha e sin beò ‘nis mar chaoidh e thairis nan tonn gu Cala Mór / Halafags air Albainn Nuadh san Dùthaich nan Craobh.)