Òran do duine-uasal de Clann Ghilleathain

Luinneag.
E ho i o hu o éileadh,
E ho i o hu orin o;
E ho i o hu o éileadh
Hi ri hu ha hiùrabh o ho.

(I)
Gur h-e mise tha ga m’ lathadh,
Tha mo shùil ’na bùrn ’s na ceathach
’S mi gun cheòl gun òl gun aighear,
Mu ’n dol sios ’th’ air siol an taighe.

(II)
Mu ’n dol sios ’th’ air siol an taighe;
Lachann a dh’ fhalbh bhuainn mu Fheill-Leathainn,
Mo sheachd rùin chaidh bhuainn mu Shamhainn
’S ceann mo mhùirn an cunnart fhathast.

(III)
Ceann mo mhùirn an cunnart fhathast;—
Mac e ’n deadh mhnaoi ’chinneadh m’ athar;
Màthair nam mac min-gheal flathail,
Nach d’ fhuair beum an gleus no ’m faidhir.

(IV)
Nach d’ fhuair beum an gleus no ’m faidhir,
Am fairge, an doire, no ’n abhainn;
Tha ’n dobhran fo lorg ’ur n-abhag,
’S bheir sibh leum air céile ’n aighe.

(V)
Gur h-e mise ’fhuair an clisgeadh
Iad a dh’ fhalbh an tùs am pisich;
Comunn nan gruag ’s nan com slios-gheal
O ’n taigh mhòr ’s am biodh am briotal.

(VI)
O ’n tigh mhòr ’s am biodh am briotal,
Toirm air thàileasg, clàir g’am piocadh;
Bhiodhte ’g òl gu pòiteil misgeil;
’S tu beul an t-sùgraidh ’s a’ ghliocais.

(VII)
Gur h-e mise ’th’ air mo chuaradh
Mo shliochd nam fear o ’n Leth-Uachdraich;
Siol Ailein duinn, chòrnaich, chuachaich,
Bho rugha ciar na h-Airde fuaraidh.

(VIII)
Bho rugha ciar na h-Airde fuaraidh,
’S bho Chaol-Muile ’n luingeis luainich,
’Sheòladh gu Dubhairt na stuadha,
Tùr àrd ’s am biodh bàird air bhuannachd.

(IX)
Gheibht’ ann an Dubhairt na stuadha,
Leathanaich, Camshronaich, Tuathaich,
Stiùbhartaich bho ’n ghleannan uachdrach,
’S Mac-Dhùghaill o thùr nan clach uaine.

Le Neo-ainmeil.

(‘S seann òran so, ‘gus thánaig sin a-mach as am muinntear Muileach gun teagamh! ‘S an òran so san chliù Clann Mhic Gilleathain agus an comhaireachd làidir a chuir ead an aghaidh nan Goill ri linn àma fhada. Fhuair an òran so chall ann san Seann Ghàidhealtachd, ach dh’ fhill e sin chun daoin’ air ais a rithisd ann san Cala Mór air Albainn Nuadh agus air Eilean Naomh Eoin agus a-mach air nam Machairean Móra ‘nn san Ghleann Uisge Dhearg cuideachd.)