Òran do dhuin’-uasal Àraidh

LUINNEAG
O ho ma dh’ fhan thu bhuainn,
Ille dhuinn, O, cha mhath leinn e;
Iain òig a b’ ùire beus
Bu shealgair feidh ’s na beannaibh thu.
O ho ma dh’ fhan thu bhuainn.

(I)
Tha mi ’m laidhe air pàisde nighinn,
’S Iain Òg gun sùil ri ’thighinn:
Mo dhùrachd a rùin mo chridhe
Thu ’bhi leam o thùs ad shuidhe.

(II)
Gur h-e mise ’tha brònach cràiteach;
Och, a righ gur sgìth a tha mi;
Fhuair mi thu ’s bu chùirteil tlàth thu;
Mo sgeul ùr th’ air chùl do mhàthar.

(III)
Leat bu mhiann ’bhi dìreadh thallad
Le gunna caol a’s cinnteach sealladh,
Bhiodh do chù air thùs na fala;
’S gu ’m biodh gaoir ’s an taobh ’g am beanadh.

(IV)
Leat bu mhiann ’bhi ’m frìth nam fuar-bheann.
Roinn na gaoth’ air aodann Chluainidh,
’S damh na cròice fhaotuinn uaigneach;
Chuirt’ bho leum le beum do luaidhe e.

(V)
Anns gach àm bu bheusach d’ àbhaist
’S mar-ri chéil thu féin ’s do bhràithrean:
Fiodhull theud gu ’n éisdte ’s clàrsach
’S iomairt dhian bhiodh air an tàileasg.

(VI)
Gu ’m bu shunndach thu air banais;
Bu tu, rùin, an suireach leannan;
Slat dheas ùr a coill’ na meala,
Fiodhlair, damhsair, annsachd caraid.

(VII)
Cha tu chrionach, mhiarach, charrach,
Slat de ’n fhiùran ùr gun ghaiseadh;
’S car thu do dhaoin’-uaisle ’Mharcuis,
’S do na suinn na Duibhnich neartmhor.

(VIII)
’S a Mhic-Leòid o’n Dùn ’s o’n talla
Dh’ fhalbh thu bhuainn gun luaidh air d’ fhearann,
Bhiodh Iain Òg ad sheòmar cadail,
’S b’ e do chùirtear mùinte, macant’.

Le Mhnaoi Féin.

(Sgrìobh mhnaoi neo-fhiosraichte ‘n òran seo mar thàinig fhearg mhor oirre nuair a chunnaig i nan Fuadaichean ann san Seann Gàidhealtachd, ach san Albainn fo cheanntar Mòrar, Loch Abar, air Muile ‘gus àitean eile gu h-àiridh! Bha sin fo’n aimsear 1730an gu 1770an no eadar 1780an gu 1860an b’ fheudar. Chan e fhios againne ‘n aimsear ceart mar cha chuir i d’ ainm shìos air am pàipear. ‘S òran comhaireachd so gun teagamh! Agus chaoidh sin a-muigh as an Seann Ghàidhealtachd chun gu Dùthaich nan Craobh, agus thàinig sin chun leinn a rithisd ann Cala Mór air Albainn Nuadh.)