Òran do Gille Stàbuill

(I)
Ochain, ochain, mar tha mi,
’S mi gach là ga do chumha;
’Gheug nam meall-shuilean tlàtha,
Chuir do ghràdh mi an cunnart.
Cha an urrainn mi d’ àicheadh
Ged-a dh’ fhàgainn a’ chruinne;
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
Air na tràighibh gun fhuireach.

(II)
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
’N uair bu phàisdean beag òg mi,
Mu am facas bean t’ aogais
Is nach d’ fhaodar do phòsadh.
Troigh chruinn am bròig chumhainn
Gun bhi leobhar no dòmhail,
Fo do chalpanann mìn-gheala
Nach ìslich am feòirnein.

(III)
’S mairg nach iomraich an copan
Le làimh shocraich ’s e dearlan;
Cha ’n e sin a rinn mise,
’S ann a bhrist mi fein beàrn as.
Gur h-e ’n t-iomadaidh uaigneas
’Ni dhe ’n ionracan meirleach;
Chuir sud mise gu saothair
Far nach cluinn mi mo chàirdean.

(IV)
Ach Uilleam Obar Àrdair
Bu tu ’m bàilidh gun tròcair
’N uair a dh’ iarr thu mo spoltadh
Le luchd-geard Mhic-an-Tòisich,
Mo thoirt timchioll a’ chabhsair,
’S gun mo chàirdean am chòmhdhail:—
’S mòr gu ’m b’ fheàrr a bhi ’n gainntir
Na bhi ’n lathair a mhòid ud.

(V)
Thig an Samhradh le ’fhlùir,
’S thig a’ chubhag á Eirinn,
Thig gach eun bhàrr na machrach
’Chumail caidreimh r’a chéile,
’S a thoirt ciùil as na crannaibh,
’S iad air bharraibh nan geugan,—
’S ann bhios mise ’s mo leannan
A sior-theannadh bho chéile.

Le Ealasaid Nic-an-Tòisich.

(Sgrìobh Ealasaid Nic-an-Tòisich an òran seo mu bliadhna 1822 b’ fheudar. Tha ‘n òran sgeul mu’n Uilleim Obar Àrdair agus Bha e ’suiridh air nighinn a mhaighstir, agus b’ fheudar dha teicheadh. Bhagair a mhaighstir a shracadh as a chéile eadar dà each. Bha pòsadh Ealasaidh Nic-an-Tòisich ri Dòmhnull mac Coinneach Mac Coinnich an Tom an t-Sàbhàil. Tha ‘n òran seo san Leabhar Mhic-an-Tuairneir cuideachd.)

(Fhuair an òran seo chall ann san Bàideanach agus chaidh e thairs nan tonn gu Gleann Gàraidh, Ontario, Dùthaich nan Craobh, agus bha ‘s tha e beò san àite ‘nois. Sgrìobh Ealasaid an òran seo san Ghàilig Bàideanach o dhùthais, ach tha ‘n òran seo san Ghàilig Ghleann Gàraidh.)