(I)
Ochain, ochain, mar tha mi,
’S mi gach là ga do chumha;
’Gheug nam meall-shuilean t-làtha,
Chuir do ghràdh mi an cunnart.
Cha an urrainn mi d’ àicheadh
Ged-a dh’ fhàgainn a’ chruinne;
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
Air na tràighibh gun fhuireach.
(II)
’S truagh a rìgh nach bu bhàs dhomh
’N uair bu phàisdean beag òg mi,
Mu am facas bean t’ aogais
Is nach d’ fhaodar do phòsadh.
Troigh chruinn am bròig chumhainn
Gun bhi leobhar no dòmhail,
Fo do chalpanann mìn-gheala
Nach ìslich am feòirnein.
(III)
’S mairg nach iomraich an copan
Le làimh shocraich ’s e dearlan;
Cha ’n e sin a rinn mise,
’S ann a bhrist mi fein beàrn as.
Gur h-e ’n t-iomadaidh uaigneas
’Ni dhe ’n ionracan meirleach;
Chuir sud mise gu saothair
Far nach cluinn mi mo chàirdean.
(IV)
Ach Uilleam Obar Àrdair
Bu tu ’m bàilidh gun tròcair
’N uair a dh’ iarr thu mo spoltadh
Le luchd-geardan Mhic-an-Tòisich,
Mo thoirt timchioll a’ chabhsair,
’S gun mo chàirdean am chòmhdhail:—
’S mòr gu ’m b’ fheàrr a bhi ’n gainntir
Na bhi ’n lathair a mhòid ud.
(V)
Thig an Samhradh le ’fhlùir,
’S thig a’ chubhag á Éirinn,
Thig gach eun bhàrr na machrach
’S a chumail caidreimh r’ a chéile,
’S a thoirt ciùil as na crannaibh,
’S iad air bharraibh nan geugan,—
’S ann bhios mise ’s mo leannan
A sior-theannadh bho chéile.
Le Ealasaid Nic-an-Tòisich.
(Sgrìobh Ealasaid Nic-an-Tòisich an òran seo ri chéile san bhliadhain 1822 b’fheudar. Bha i ’s Taigh an Fraoich an Obar Àrdair o dhùthchais. Sgrìobh i ’n òran seo do chuimhne ‘gus do chainnt mu’n Uilleam Obar Àrdair – an Gille Stàbuill – agus bha e ‘obair ’suiridh an nighean do mhaighstir. Ach dh’ fhoghluim an maighstir mu sin agus bhagair e chuige do chur stad chun sin no bithidh e ‘ gille stàbuill shracadh eadar dà each.)