’S an t-each donn bha ga d’ ghiùlan
Feadh na dùthch’ iomadh mìle,
’N uair a chunnaic mi ’bhruid-ud
Thug e ùr ann am chuimhn’ thu,
Ge b’e aon a ni cheannach
Bidh an sean-fhacal fior dha:
Theid an t-srathair a chàradh
Ann an àite na diolaid.
Le Iain mac Ailein / Am Bàrd Mac Gilleathain (1787 gu 1848)
(Sgrìobh e ’n t-òran so do chuimhne do charaid mór aige ’n t-Sagairt Ghrannda nan Arasaig, Albainn Nuadh. ‘S an treasamh òran a sgrìobh e do chuimhneachan an t-Sagairt Ghrannda.)