Òran do Saighdear a Thréigsinn air Falbh

Luinneag.
“Tha mi suarach umad an diugh;
Bha mi uair ’s bu tòigh leam do ghuth;
Tha mi suarach umad an diugh.”

(I)
’N cuala sibh mar ’dh’éirich dhòmhsa
Is do ’n chaileig ’bha mi ’n tòir oirr’?
Gu ’n do dh’ fhalbh i leis an òigear;
’S dh’ fhaotuinn sgeòil a dheanamh air sud.

(II)
Am faca sibh aogasg mo leannain?
Cha ’n ’eil a leithid ach ainneamh:
A dà ghruaidh mar chaoran meangain,
’S a h-uchd geal mar eal’ air an t-sruth.

(III)
Gu ’m b’i sin an nionag aobhach,
’S ann de bhroilleach Chloinn-an-t-Saoir i:
Sùil a’s guirme chaidh an aodann
’S mala chaol mar ite an lòin-duibh.

(IV)
Nighean donn a’ chuailein chraobhaich,
Is cuimhneach leam uair de m’ shaoghal,
’S bu deacair leam tigh’nn as d’ aonais:
Rinn sin sgaoileadh, ’s chaochail an sruth.

(V)
Nighean donn a’ chuailein chleachdaich
’S deacair fhaotuinn bean do mhaise:
Sùil a’s guirme na na dearcan
Deud mar chailc, is gruaidh mar an subh.

(VI)
’N uair a bha sinn anns na gleannaibh
Leigeil a’ chruidh laoigh mu ’n mhainnir,
Shaoil mi nach robh air an talamh
Fear a mhealladh bean a’ chinn duibh.

(VII)
’N uair a theannadh tu ri òrain
Mhealladh tu ’m fear nach biodh eòlach;
’S binne thu na chubhag ’s an smeòrach
’Maduinn cheò air mheòirean an stuib.

(VIII)
’N uair a theannadh tu ri coilleig
Leigeil a’ chruidh laoigh ’s an doire
’S binne thu na guth ’choilich-choille
Anns an doire ’ghoireadh a muigh.

(IX)
Ged-a bha thu banail, baindidh
Dh’ aithnich mi gu ’n robh thu mealta:
’S gile thu na ’n sneachd air na beanntaibh
Anns an àm ’s am biteadh ga chur.

(X)
’Nam faiceadh sibh saill air sean-each
No puinnsean air dol an glainne,
Sin agaibh aogasg mo leannain;
Mar chop geal air bharraibh an t-sruth.

(XI)
Ged nach robh mi pailt de dh’ fheudail
Sheasainn duine an àm an fheum;
Gheibhinn grealach mhic an fhéidh dhuit
Agus breac na leum leis an t-sruth.

(XII)
A nis o ’n rinn thu mo thréigsinn
Cha dean mi tuilleadh mu d’ dhéibhinn:
Gabh thus’ air d’ aghaidh do dh’ Eirinn,
’S gheibh mis’ té bheir dhomh a cuid cruidh.

Le Neo-ainmeil.

(‘S òran so a chuir re chéile le làmhan bean òig, agus chaoidh do fear aice ‘muigh gu cogamh an aghaidh nan Gaill thairis / trasna nan tonn. Bha saighdear a fear chroidhe oirre, ‘gus bha Fíor Gáidheal e fhé cuideachd mar chaoidh e ‘mach do sabaid air taobh nan Fíor Gáidheal agus do chairdean nam Fíor Gáidheal. ‘S òran Seumasach b’ fheudar, ach bha ead eadar measg muinntear Gáidhealach ann san Dùthaich nan Craobh. ‘S òran an-suimiúil mar sin.)